2mh Giblean 2008, Rhiannon
Thàinig mi a-steach na bu tràithe madainn an-diugh. Bha mi an dòchas gum biodh post-dealain ann on treòraiche. Cha chuala sinn guth bhuaipe agus tha e a' cur dragh orm a-nis. Dh'fhòn mi thuice aig leth uair an dèidh a h-ochd, air an uair againne, mus biodh an latha aicese seachad. Ach chan eil i air am fòn a fhreagairt agus chan eil i air post-dealain a chur agus mar sin, chan eil sinn air càil a dhèanamh mu bhìosathan fhathast, no càil eile. Tha e a' fàs èiginneach a-nis.
Co-dhiù, tha naidheachd mhath againn; tha sinn a' smaoineachadh gun do lorg sinn sgioba-filmaidh le neach-camara math agus neach-fuaime math. Fhuair sinn ruidhlean-taisbeanaidh bhon chompanaidh an-dè agus tha Maria agus Gerald toilichte leis an obair aca. Cha chreid mi nach cleachd sinn iadsan.
Cuideachd, tha sinn a' smaoineachadh gun cuir sinn na teipichean air ais chun BhBc ann an Glaschu gach seachdain tro chompanaidh giùlain. Tha seo a' ciallachadh gum bi na filmichean air an eadar-theangachadh mus till sinn agus bidh sin cuideachail nuair a thèid sinn a ghearradh. Cuideachd, bidh e feumail gun fhios nach nochdadh trioblaidean bhon luchd-cusbainn a thaobh nan teipichean.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Cead a dhol a-steach a dhùthaich air a thoirt seachad le riaghaltas na dùthcha, air a shealltainn le duilleag nad chead-siubhail.
Companaidh a bheir rudan bho aon àite gu àite eile airson pàigheadh.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.