1mh Giblean 2008 12:00, Maria
Tha sinn air a bhith a' lorg treòraiche o chionn seachdain no dhà. Bidh treòraiche a' cur chùisean an òrdugh san dùthaich far am bi sinn a' filmeadh - Sìona. Feumaidh Sìonais a bhith aig an treòraiche oir bidh aca ri:
- siubhail a chur air dòigh
- àite-fuirich a chur air dòigh
- nan daoine a bhios anns na filmean a lorg
- eadar-theangachadh dhuinn tro na h-agallamhan.
Tha stòr-dàta sònraichte aig a' BhBC far an lorg thu fiosrachadh air diofar dhùthchannan, Sìona nam measg. Tha treòraichean cuideachd san stòr-dàta agus tha sinn air a bhith a' cur post-dealain thuca is a' fònadh airson faighinn a-mach cò a b'fheàrr airson an obair-sa a dhèanamh. Tha sinn a' smaoineachadh gun do lorg sinn cuideigin. Tha sinn dìreach a' feitheamh fios.
1mh Giblean 2008 13:30, Gerald
Tha mu chòig seachdainean againn mus tèid sinn a Shìona airson filmeadh.
Tha sinn air a bhith air bhoil o chionn ghoirid. Cha robh sgeul air an treòraiche. Thàinig e am bàrr cuideachd nach robh na deitichean againn freagarrach dhan neach-camara ris an robh dùil againn. Bha againn ri tòiseachadh a' lorg neach-camara agus neach-fuaim eile a chlàradh a h-uile càil ann an Sìona. Tha sinn a-nis air feadhainn a lorg agus tha sin sgoinneil. Bu chòir gum bi a h-uile càil ceart gu leòr oir tha iad air duaisean fhaighinn, agus tha coltas gu bheil iad uabhasach math. Chuir iad fios a ràdh gun dragh a bhith oirnn agus gum biodh a h-uile càil ceart gu leòr. Tha sinn a' faireachdainn nas fheàrr a-nis.
Thachair rud math eile cuideachd an t-seachdain-sa agus 's e sin gun robh coinneamh agam fhèin is aig Maria ri sgioba eile on BhBC a tha gu bhith a' filmeadh ann am Beijing agus Shanghai goirid romhainne. Bha sinn a' bruidhinn is ag innse rudan dha chèile. Thug sinn comhairle dhaibh air na rudan a fhuair sinne a-mach agus mu dhaoine air an robh eòlas againn ann an Sìona agus rudan mar sin. Bha e math gum b' urrainn dhuinn sin a dhèanamh oir chan eil e furasta a bhith a' cur rudan mar filmeadh thall thairis air dòigh.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Neach a bhios a' cur chùisean an òrdugh san dùthaich filmidh. Bho bhith a' lorg daoine a ghabhas pàirt ann an agallamhan agus a' lorg àitichean-filmidh gu bhith a' cur àitichean-fuirich air dòigh.
Neach a bhios a' clàradh filmichean/sgeulachdan.
Neach a bhios a' clàradh fuaim agus a' cumail smachd air ìrean fuaim.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.