Nuair a tha thu a' leantainn àirdean air mapa, feumaidh fios a bhith agad càite a bheil Tuath, Deas, An Iar agus An Ear. Air a' mhòr chuid de mhapaichean, tha Tuath aig bàrr na duilleige.
Cuimhnichidh tu far a bheil àirdean na combaiste le bhith a' cuimhneachadh - Thàinig Esan Dh'fhalbh Ise.