• Eòrpa

    Eòrpa

  • Cathy MacDonald

    Cathy MacDonald

Chaidh mòran obrach a dhèanamh thar na bliadhna a' deasachadh airson Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig iomamheadhanach a chur air chois an co-bhoinn le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Dh'iarr Urras a' BhBC beagan leasachadh a dhèanamh air a' chiad tagradh, agus thugadh cead airson na seirbheis anns an Fhaoilleach. Tha fadachd ann a-nis gus an tèid a cur air bhog air DSat, DCable agus air a' bhann leathann, is dùil ri sin anns an t-Sultain 2008.

Am measg nam prògraman barraichte ann an 2007/08 bha sreath eile de Rapal Tbh. Leudaicheadh am prògram o 15 gu 30 mionaid, agus e a' toirt àrd-ùrlar do thàlant ùr ann an ceòl air feadh Alba, an dà chuid air telebhisean agus rèidio. Bha Gabh Gnothach, a' chiad sreath a chaidh a choimiseanadh bho Spangle le maoineachadh bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, ag amas air ùidh òigridh a dhùsgadh ann a bhith a' stèidheachadh gnìomhachas.

Leudaicheadh an ùine air BBC Dhà Alba do chlann fo aois sgoile cuideachd, agus a-nis thathar a' craoladh dhaibhsan gach madainn Diluain gu Dihaoine mu 50 seachdain anns a' bhliadhna. Chaidh BBC Alba an co-bhoinn ri Pròiseact nan Ealan gus an tachartas Hiort a chlàradh, ga chraobh-sgaoileadh air-loidhne beò à Steòrnabhagh. Rinneadh an opara Ghàidhlig seo mu Hiort ann an ceithir rìoghachdan Eòrpach eile aig an aon àm.

Lean an t-sreath Eòrpa a' dol bho neart gu neart, a' faighinn moladh an dà chuid bho luchd-labhairt na Gàidhlig agus bho fheadhainn nach tuig i. Anns an iomradh a dh'fhoillsich Coimisean Craolaidh na h-Alba anns a' Chèitean air naidheachdan is cùisean an là, chuir iad an cèill gun deach moladh a dhèanamh air a' phrògram aig gach coinneamh phoblach a bh' aca le inneas ga dhèanamh air cho farsaing, fi osrachail agus a bha e.

Chuireadh seirbheis ùr naidheachdan air-loidhne air chois do luchd-ionnsachaidh agus fi leantaich. Tha an t-seirbheis seo a' tairgsinn naidheachdan mun Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus a' Ghàidhlig a thuilleadh air an duilleag a tha a' sealltainn na h-aimsire air feadh Alba.

Aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2008 chaidh Derek Moireach ainmeachadh mar Phearsa Rèidio na Bliadhna. Tha e a' leantainn Màiri Anna NicUalraig, a bhuannaich an t-urram sin an-uiridh, agus mar sin 's e an ceathramh neach air Radio nan Gàidheal a th'air an duais a chosnadh. Air an rèidio fhèin, ràinig Coinneach 15 bliadhna de chraoladh; lean Spòrs na Seachdain air le iomraidhean fi osrachail agus còmhradh air raon farsaing de spòrs, agus bha fèill mhòr air cunntas Gàidhlig air ball-coise nuair a bha Alba a' strì gus faighinn gu Farpais Nàiseanta Ball-Coise na Roinn-Eòrpa 2008. Chomharraich an làrach-lìn Cuairtean Bliadhna Chultarach na Gàidhealtachd on t-Sultain, le turais air-loidhne ann an cuid de sgìrean na Gàidhealtachd. Bha agallamhan-rèidio, dealbhan agus fi os eile na lùib, agus bha an làrach ceangailte ri sreathan aithriseach air rèidio agus telebhisean.

BBC © 2014The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.