Dè a' phrìs air taic Rupert?
Is tric a thèid Rupert Murdoch a chàineadh na làithean seo.
As dèidh scaineal farchluais nam fònaichean, a thug air fear dhe na pàipearan-naidheachd aige a dhùnadh, is beag an t-iongnadh.
Ach bidh daoine ag èisteachd ris fhathast.
'S e an Sun a reiceas an àireamh as motha de phàipearan ann an Alba.
Mar sin, tha gach duine aig Holyrood a' bruidhinn an-diugh mu rudeigin a thuirt Mgr Murdoch air Twitter a-raoir.
Cha do sgrìobh e ach ochd faclan ach chuir iad an ceòl air feadh na fìdhle.
Buannachd
'S fheàrr na faclan aige a leughadh leibh fhèin.
Ach 's coltach gu bheil Mgr Murdoch co-dhiù a' creidsinn gum biodh buannachd do ghnìomhachas nam biodh Alba neo-eisimeileach.
'S i a' cheist a-nis, dè a' bhuaidh a bheir seo air beachd deasachaidh nam pàipearan aige - an Sun, agus an Times cuideachd.
Agus dè mu dheidhinn an Sun on Sunday, a nochdas Didòmhnaich?
Chuir labhraiche a' Phrìomh Mhinisteir fàilte air beachd Mhgr Murdoch, mar a bhiodh dùil.
Ach, as dèidh na connspaid uile aig News Corporation, 's dòcha gun tig an taic sin aig prìs.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
Cha smaoin duine sam bith go bheil "neach-naidheachd" cutromach ach neach-naidheachd eile. ( Duilich, a Niall ).
Tha cumhachd agus buaidh aig am bumaileir seo chionn is gu bheil e beairteach. Tha an aon chumhachd ag daoine bheairteacha eile.
Chan eil ach samhail buaidh nas notha aig Robert.