Aon referendum...no dhà?
Sin tè dhe na ceistean a tha fa chomhair nam Morairean an-diugh agus an deasbad mu Bhile na h-Alba a' leantainn.
Tha am Morair Foulkes - a bha na bhall làbarach aig Holyrood gu ruige an taghaidh an uiridh - airson 's gum bi dà bhòt air a' bhun-reachd.
A rèir atharrachaidh don bhile fon ainm aigesan, bu chòir aon bhòt a chumail, a' faighneachd a bheil Albannaich "airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail".
An uair sin, nam bhòtadh iad gus sin a dhèanamh, dheigheadh dàrna referendum a chumail air "làn chumachd ionmhais" do Phàrlamaid na h-Alba, 35 làithean as dèidh na ciad bhòt.
Cha tèid bhòtadh air seo leis na Morairean gus am bi co-chomhairleachadh Riaghaltas Bhreatainn seachad, aig toiseach na h-ath-mhìos.
Ach an e slighe air adhart a tha seo do na Làbaraich?

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.