Saorsa bho Alba
Am bu chòir do na h-Eileanan mu Thuath Alba fhàgail ma bhòtas i airson neo-eisimeileachd? 'S e beachd Iarla Ghallaibh gum bu chòir an cothrom sin a bhith aca. Ann an atharrachadh do Bhile na h-Alba - a thèid a dheasbad anns na Morairean nas fhaide air an t-seachdain - tha am morair tòraidheach a' moladh nach biodh aig muinntir Àrcaibh is Shealtainn fuireach ann an Alba neo-eisimeileach mura bhòtadh a' mhòrchuid dhiubh air a shon. Dè dhèanadh iad an uair sin? Am fuiricheadh iad le Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, air neo am b' fheàrr leotha saorsa fhaighinn dhaibh fhèin? Agus, nan dèanadh iadsan sin, dè mu dheidhinn nan Eilean Siar?

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.