Dè gheàrras sinn - feachdan, no oifigearan?
Tha e a' coimhead nas coltaiche a-nis gun tèid feachdan poilis na h-Alba a thoirt còmhla.
Cha tig an co-dhùnadh mu dheireadh ron taghadh, ach tha an riaghaltas ag ràdh nach urrainn do chùisean cumail a' dol mar a tha iad.
An-dràsta tha ochd feachdan poilis ann an Alba.
Dh'fhaoidte gun tèid iad uile a thoirt còmhla, no gun tèid an àireamh de dh'fheachdan a ghearradh gu trì no ceithir.
Ged a dh'fhoillsich Coinneach MacAsgail grunn roghainnean an-diugh tha na Làbaraich agus na Tòraidhean air an taic-san a chur ri feachd poilis nàiseanta mar-thà.
Ach tha feadhainn eile gu tur na h-aghaidh.
Seirbhisean
Tha Mgr MacAsgail a' creidsinn gun gabh airgead a shàbhaladh nan dèidheadh co-dhiù cuid de na feachdan poilis a thoirt còmhla.
B' fheàrr leis an àireamh de dh'fheachdan a ghearradh, seach an àireamh de dh'oifigearan.
Ach tha cuid eile draghail mun a bhuaidh a bheir seo air seirbhisean, gu h-àraid ann an sgìrean iomalach.
Nan dèidheadh cur às, can, do Phoilis a Chinn a Tuath, an toireadh sin droch bhuaidh air seirbhisean air Ghàidhealtachd?
Tha na Lib Deamach a' creidsinn gun toireadh, ach dè ur beachd fhèin?
Thèid seo a thogail a-rithist mar chuspair aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
San trì mìosan suas dhan Dùbhlachd thuit eucoireach ann an Inbhir Narann 16.7% an taca ris an aon trì mìosan ann an 2009.
'S math a rinn Poilis Ceann a tuath agus tha fior thaic aca bhon choimhearsnachd againn
Ge b'e de thachras tha mi an dòchas nach bi sin a' toirt droch bhuaidh air an iomairt shoirbhicheil a tha siud.
oops, thuit 'eucoir' :-)