Freagairt Albannach do cheist nan oilthighean
Cò a bu chòir pàigheadh airson foghlaim àrd-ìre?
Tha a' cheist seo air ùpraid a thogail mu dheas anns gach taigh den phàrlamaid, agus air na sràidean.
An-diugh, chaidh a' cheist a thogail aig Holyrood, agus ministear an fhoghlaim a' foillseachadh pàipeir uaine air a' chùis.
Tha Mìcheal Ruiseal airson 's gum bi freagairt eile, "freagairt Albannach", don cheist sin.
'S e an aon rud ris nach gabh e stèidheachadh chìsean oideachaidh as ùir ann an Alba.
Ach, mura pàigh na h-oileanaich fhèin, cò phàigheas?
Dùbhlan
An-diugh, dh'fhoillsich an riaghaltas grunn roghainnean gus dèiligeadh ri maoineachadh nan oilthighean.
Tha dùbhlan mòr air fàire dhaibh agus na gearraidhean a chuireas a' cho-bhanntachd an sàs mu dheas gan toirt air adhart tro fhormula Bharnett.
Dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air oileanaich bhon chòrr den Rìoghachd Aonaichte barrachd a phàigheadh ma chuireas iad romhpa tighinn gu Alba airson an cuid foghlaim.
An-dràsta, bidh iad a' pàigheadh chìsean de £1820 gach bliadhna ach dh'fhaodadh gum bi aca ri suas gu £6000 a phàigheadh anns an àm ri teachd.
(Pàighidh riaghaltas na h-Alba na cìse air sgàth oileanach Albannach, is mar sin cha phàigh iadsan cìsean idir.)
Leis fhèin, ge-tà, cha bhiodh sin gu leòr airson a' bheàrn ann an ionmhas nan oilthighean a lìonadh.
Sgrùdadh
Mar sin, dh'fhaoidte gum bi aig oileanaich ri rudeigin a phàigheadh as dèidh dhaibh ceumnachadh.
Tha Mìcheal Ruiseal an dòchas gum faigh iad airgead gu leòr bho àiteachan airson sin a sheachnadh.
Thèid buidheann-obrach a stèidheachadh airson gach roghainn a sgrùdadh agus cosg gach fear a dhearbhadh.
An uair sin thig an SNP an adhart le moladh a nochdas ann a' mhanifesto aca - bhiodh dùil gun dèanadh na pàrtaidhean eile an aon rud.
'S e an ath riaghaltas Albannach a ghabhas an co-dhunadh mu dheireadh air seo, as dèidh an taghaidh an ath-bhliadhna.
Is coltach gur e seo tè dhe na ceistean as connspaidiche a thèid a dheasbad aig an taghadh sin.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.