Buaidh chìsean oileanach
Cha sgrìobh mi gu tric mu chùisean nach toir buaidh air Alba.
Bu neònach daoine fhaicinn aig Holyrood an t-seachdain a chaidh a' sadail bhallaichean-sneachda air an togalach agus iad a' togail fianaise mu phlana an riaghaltais aig Westminster cìsean oileanach a chur suas.
Chan eil cìsean oileanach an seo - do dh'oileanaich Albannach co-dhiù - mar thoradh air gnìomhan na Pàrlamaid Albannaich fhèin.
Ach 's e beachd nam ball Albannach a bhòtas an aghaidh an riaghaltais aig Westminster an-diugh gun toir plana na co-bhanntachd buaidh mhòr air Alba.
Dh'innis Teàrlach Ceannadach dhomh san t-Sultainn gun robh dragh airsan mu bhuaidh a' pholasaidh air oilthighean mu thuath.
Aig na àm, dhiùlt seann cheannard nan Lib Deamach cantainn mar a bhòtadh e fhèin, ach tha dùil an-diugh gum bhòt e an aghaidh an riaghaltais.
Cron
'S i a' cheist a tha aig Nick Clegg an-diugh cia mheud a leanas e.
Thug aonta na co-bhanntachd cead do Lid Deamaich bhòtadh a sheachnadh, ach cha bhi sin gu leòr do chuid as dèidh do gach tagraiche gealltainn ron taghadh gun bhòtadh iad an aghaidh àrdachaidh sam bith.
A dh'aindeoin sin, tha dùil gum faigh an riaghaltas an taic a tha a dhìth orra nuair a thig a' bhòt as dèidh 5f.
Ach mar a dh'ionnsaich Tony Blair, 's urrainn don chuspair seo cron mòr a dhèanamh air ceannardan poileataigeach.
Rinn i cron mar-thà air ceannas nan Lib Deamach agus air Nick Clegg gu sònraichte.
Tuilleadh as dèidh a' bhòit.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.