Am ministear agus an drochaid
Cha robh mise anns an t-seòmar air an 31 den Chèitean 2007.
Ach ma leughas sibh aithisg oifigeal na Pàrlamaid Albannaich bhon là ud, leughaidh sibh rudeigin air leth inntinneach mu mhinistear ùr na còmhdhail, Keith Brown:
I am no admirer of tolls. Indeed, I was convicted for refusing to pay the Skye bridge toll back in the mid-1990s. The Skye bridge toll campaign was another successful campaign to get rid of unjust tolls. It would be nice if the Lord Advocate were to consider quashing my conviction and those of others who opposed that disgraceful toll, but I suppose that she could just as easily come after me for the £50 fine that I have not paid in 12 years.
Dhearbh fear-labhairt Mhgr Brown a-raoir gun robh e an sàs anns an iomairt gus cur às do chìsean air drochaid an Eilein Sgitheanaich, agus chàin e an riaghaltas mu dheireadh airson cìsean a stèidheachadh anns a' chiad dol a-mach.
Chaidh innse dhomh a-raoir nach cuireadh Mgr Brown ùine seachad air a' chùis na dhreuchd ùr.
Ach dè mu dheidhinn na daoine eile a chaidh a dhìteadh airson pàigheadh a dhiùltadh?
Agus, dè their na pàrtaidhean eile mu mhinistear na còmhdhail a chaidh a dhìteadh airson eucoir còmhdhail?

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.