Trot air fàire mu chìsean oileanach
Tha trot mòr air fàire mu chìsean nan oileanach.
Ron t-samhradh, dh'innis Lib Deamach Albannach aig Westminster dhomh gur iad cìsean nan oileanach agus Trident an dà rud a dh'adhbhraicheadh sgaraidhean anns a' cho-bhanntachd.
An-diugh, dh'fhoillsich am Morair Browne an aithisg aige mu ionmhas oilthighean ann an Sasainn.
Ann an Alba, tha oilthighean fo smachd mhinistearan Albanach.
Ach, mar a thuirt Rector Oilthigh Ghlaschu, Teàrlach Ceanadach dhomh beagan sheachdainnean air ais, bidh buaidh mhòr air oilthighean mu thuath cuideachd.
Agus chan e dìreach an Ceanadach a tha draghail mu na tha am Morair Browne a' moladh.
Gealltanas
Fo na planaichean aigesan, bidh cead aig oilthighean mu dheas na thogras iad iarraidh bho oileanaich gus pàigheadh airson an cuid foghlaim.
Ach tha sin na thrioblaid do na Lib Deamaich, a gheall ron taghadh gun bhòtadh iad an an aghaidh àrdachadh chìsean.
Fo aonta na co-bhanntachd, tha cead aig buill Lib Deamach bhòtadh a sheachnadh air a' chùis.
Cha bhi sin gu leòr dhaibh uile, ge-tà, agus bhòtaidh co-dhiù cuid dhiubh na aghaidh.
Dhearbh Ministear Albannach an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, nach tèid cìsean a chur air Albannaich aig oilthighean mu thuath.
Ach le gearraidhean mòra air fàire do bhuidseat nan oilthighean, tha an deasbad sin a' dol a leantainn.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.