Ceannas a' phàrtaidh Làbaraich
Tha fios againn a-nis cò na tagraichean airson ceannas a' phàrtaidh Làbaraich.
Tha còignear - nam measg dithis bhràthairean, dithis ris an canar Ed agus ceithrear a chaidh gu Oilthigh Oxford.
'S iad Dàibhidh Miliband, Ed Miliband, Ed Balls, Andy Burnam agus Diane Abbott.
Bha an ceithrear fhireannach nam ministearan anns an riaghaltas mu dheireadh.
A-nis thèid iad gu bhòt a' phàrtaidh air fad as dèidh dhaibh taic fhaighinn bho co-dhiù 33 buill-pàrlamaid.
Thèid ceannard ùr fhoillseachadh ro co-labhairt a' phàrtaidh anns an t-Sultain.
Slighe air adhart
Tha romhainn dhuilich ron phàrtaidh Làbarach.
Chan eil iad a' taghadh ceannard a-mhàin, ach slighe adhart a bheir am pàrtaidh air ais gu Àireamh a Deich.
Bidh aig a' cheannard ùir ri mìneachadh carson a chaill na Làbaraich an taghadh am bliadhna-sa.
Agus, bidh aige - no aice, ged nach coltach idir gum buannaich Diane Abbott - ri adhbhar a thoirt don mhòr-shluagh bhòtadh airson nan Làbarach aig an ath thaghadh.
Is cinnteach gun toir iomairt na bliadhna-sa - agus gu h-àraid na deasbadan telebhisein - buaidh air an deasbad anns a' phàrtaidh fhèin.
Ach cò an duine as fheàrr airson sin a dhèanamh? Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibh uile.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
chan eil mi a' tighinn riut, a Nèill.
Cha bhi ri dèanamh ag an ceannard ùr ach cumail gu dèanadh na libDeamThòirichean mearachd as dèidh mearachd gum bidh an duthaidh air a scriosadh.
An aththaghadh a cheann còig bliadhaichean bidh "slanaithear" ùr eile ag na labaraich.