Mìos nam pòg seachad?
Saoil a bheil mìos nan pòg aig an riaghaltas ùr seachad?
Ma tha, b' ann gun robh i air leth goirid.
Cha do mhair Dàibhidh Laws fada mar Àrd-Rùnaire an Ionmhais mus b' fheudar dha falbh agus e air cosgaisean a chleachdadh gus mall a phàigheadh don leannan aige.
Agus cha mhòr gun d' fhuair Danny Alexander cothrom a chasan fhaighinn fon deasga aig Oifis na h-Alba mus deach a chur an àite Mhgr Laws.
A-nis, tha Lib Deamach eile, Mìcheal Moore air dreuchd Mhgr Alexander fhaighinn mar Rùnaire na h-Alba.
Gheall Dàibhidh Camshron gum biodh an riaghaltas ùr seasmhach - chan e seo an toiseach a dh'iarradh e.
Gearraidhean
An-diugh b' fheudar do Nick Clegg agus Vince Cable Mgr Alexander a dhìon as dèidh mar a chaidh faighneachd an robh e comasach gu leòr airson an dreuchd a dhèanamh.
Bha Mgr Laws roimhe na bhancair, le cliù ann am Baile Lunnainn.
Ach tha Mgr Alexander air fàs mar-thà na dhuine air leth cudromach don cho-bhanntachd.
Sgìobh e manifesto nan Lib Deamach, agus bha e aig cridhe nan còmharraidhean leis na Tòraidhean airson riaghaltas ùr a chruthachadh.
A bharrachd air sin, chan eil Dàibhidh Camshron airson 's gun tèid na Tòraidhean a choireachadh leotha fhèin airson na gearraidhean a tha romhainn.
As dèidh an siansalair, 's ann air Mgr Alexander a bhios an dleastanas as motha airson nan gearraidhean sin.
Dùbhlan
Tha Mgr Camshron airson 's gum bi Lib Deamach aige cuideachd ann an Oifis na h-Alba leis nach eil ach aon bhall-pàrlamaid aig na Tòraidhean mu thuath.
Is coltach gur ann air sgàth sin a fhuair Mgr Moore an dreuchd sin seach, mar eisimpleir, Dàibhidh Mundell.
Agus 's e dùbhlan mòr a tha ro Mhgr Moore na dhreuchd ùir cuideachd.
Tha an riaghaltas airson bile ùr na h-Alba a thoirt air adhart gus cumhachdan ura a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.
Aig an ìre-sa, chan eil aonta eadar na pàrtaidhean mun dòigh as fheàrr sin a dhèanamh.
Tha dùil ri bliadhna inntinneach ron taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.