Clach-eòlas
Chaidh am facal psephology a chleachadh a' chiad uair leis an fhear-eachdraidh Shasannach R.B. McCallum ann an 1952 gus bruidhinn mu sgrùdadh thaghaidhean.
Chleachd e am facal Greugach 'psephos', no 'clachag' leis gum b' ann le clach a b' àbhaist do na seann Ghreugaich bhòtadh.
'S e pàipearan is chan e clachan a chleachdas sinn an-diugh, ach ann an dòigh, chan eil bhòtadh air atharrachadh gu mòr on uair sin.
Mar sin, às dèidh a' Chalumaich, dè mu dheidhinn clach-eòlas mar fhacal Gàidhlig airson sgrùdadh thaghaidhean?
Ma bhios moladh nas fheàrr agaibh, bu mhath a chluinntinn anns an dòigh àbhaisteach.
Anns an eadar-ama, ge-tà, dè tha aig na h-eòlaichean ri innse dhuinn mun taghadh a tha romhainn a-nis?
Beàrn
Gus an tèid a sgaoileadh an ath-sheachdain, tha 646 buill ann an Taigh nan Cumantan - tha sin a' dol an àirde gu 650 am bliadhna.
Ann an 2005 bhuannaich na Làbaraich an taghadh às dèidh dhaibh 356 buill fhaighinn - fada air thoiseach air na Tòraidhean a fhuair 198.
Fhuair na Lib Deamaich 62 agus an SNP 6.
Cha robh a' bheàrn eadar na fhuair na Làbaraich agus na Tòraidhean ann am bhòtaichean ach 3% - 35.3% gu 32.3%.
Ach tha beàrn mhòr mhòr eatorra ann an seataichean.
Ged a tha iad air a bhith air thoiseach anns na cùnntasan-bheachd fad greis mhòir, is duilich do na Tòraidhean fhathast a' bheàrn sin a lìonadh.
Gluasad
A-rèir tuairmse, bhiodh gluasad de 6.9% a dhìth bho na Làbaraich do na Tòraidhean airson mòr-chuid a thoirt do Dhàibhidh Camshron.
Cha do thachair càil mar sin ach turas on darna chogadh agus b' e sin ann an 1997.
Fiù 's nuair a bha a' bheàrn eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean na b' fharsainge, cha robh Mgr Camshron cho fada air thoiseach agus a bha Tony Blair ron taghadh sin.
Gu sìmplidh tha e nas fhasa do na Làbaraich an taghadh seo a chall na tha do na Tòraidhean a bhuannachadh.
'S ann air sgàth sin a tha daoine a' bruidhinn mu phàrlamaid gun mhòr-chuid - suidheachadh a bheireadh cothroman ùra do na Lib Deamaich agus an SNP.
Chan e sin ach a' chiad leth den sgeul, ge-tà.
Sgìrean targaid
'S e an darna leth gun tachair pàirt mòr den iomairt anns na sgìrean targaid, na grunn sgìrean far a bheil na pàrtaidhean faisg.
Nì gach pàrtaidh oidhirp mhòr anns na sgìrean sin agus 's ann an sin a thèid an t-airgead aca a chosg cuideachd.
Ann an Alba tha 39 buill aig na Làbaraich an-dràsta, 12 aig na Lib Deamaich, 7 aig an SNP agus 1 aig na Tòraidhean.
Tha aig na Làbaraich ri grèim a chumail air na th' aca an Alba ma tha iad airson grèim a chumail air iuchraichean Àireamh a Deich.
Tha an SNP ag iarraidh 20 ball, na Lib Deamaich 4 a bharrachd agus na Tòraidhean nas motha na dìreach 1 a bhith aca.
Chan eil aig mìos aca ris na targaidean sin a ruighinn.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.