A' cheist as motha...
'S i a' cheist as motha ann am poileataigs na h-Alba a-nochd carson a tha an duine a bha gu ruige an-diugh na cheannard air Comhairle Bhaile Ghlaschu air a dhreuchd fhàgail?
Aig coinneamh shònraichte na buidhne Làbaraich air a' chomhairle, chaidh fhoillseachadh an-diugh gum biodh Steven Purcell a' fàgail, agus trioblaidean slàinte air.
Thèid leas-cheannard na comhairle, Jim Coleman, na àite gus an tèid ceannard ùr a thaghadh.
Tha Mgr Purcell - a tha 37 bliadhna dh'aois - air a bhith na dhreuchd fad còig bliadhna.
Bha cuid an dùil gun robh dreuchd mhòr anns a' phàrtaidh Làbarach - mar bhall-pàrlamaid no fiù 's mar cheannard na buidhne aig Holyrood - air fàire dha.
A-nochd, ge-tà, is coltach gun tug trioblaidean slàinte air plana sam bith mar sin a chur don darna taobh.
Claoidhte
Thuirt an sgiopa lagha aig Mgr Purcell gun robh e 'claoidhte' air sgàth na h-obrach aige.
Thuirt iad gun robh e anns an ospadal a' faighinn cùram.
Bha Mgr Purcell fo uallach air sgàth na connspaid air Compàirteachas Còmhdhail Sràth Chluaidh agus a thaobh ullachadh airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.
An-diugh chaidh a mholadh leis a' phrìomh mhinistear, Ailig Salmond, airson na rinn e gus na geamaichean a thoirt do Ghlaschu.
Tha Mgr Purcell air a' chompanaidh PR Media House fhastadh, a' toirt air feadhainn faighneachd a bheil barrachd anns an sgeulachd.
Cha bhiodh e na iongnadh nan robh barrachd againn ri innse madainn a-màireach.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.