Creideamh is Poileataigs
Anns na Stàitean Aonaichte, far a bheil sgaradh foirmeil eadar an Stàit agus na h-eaglaisean, tha ceangal làidir ann eadar creideamh agus poileataigs.
Ann am Breatainn, far am bi easpaigean fhathast a' gabhail sheataichean ann an Taigh nam Morairean, cha tèid a ràdh gu trice gum bu chòir ceangal eadarra idir.
Ach a-nis tha Rùnaire na h-Alba air trod adhbhrachadh às dèidh mar a thuirt e ann an òraid gun robh luchd-bhòtaidh le creideamh cudromach do dh'iomairt a' phàrtaidh Làbaraich.
Rinn e iomradh air pàirt a' Bhìobaill ann an eachdraidh a' phàrtaidh Làbaraich.
Thuirt e gun d' fhuair na Làbaraich 31% den bhòt bho dhaoine le creideamh - 9% air thoiseach air na Tòraidhean - aig an taghadh mu dheireadh.
Bha aig a' phàrtaidh ri sin a dhèanamh a-rithist, a-rèir Mhgr Murphy, aig an taghadh am bliadhna.
Ifrinn
Cha deach cùisean mar a bha Mgr Murphy ag iarraidh ge-tà.
Thuirt labhraiche na h-Eaglaise Caitligiche an-dè gun robh an riaghaltas Làbarach air ionnsaigh a thoirt air an teaghlach tràidiseanta agus air saorsa-creideamh ann am Breatainn.
Agus an-diugh thuirt an Cardinal Keith Patrick O'Brien gun tuirt e ri Iain Gray gun robh e an dòchas gun toireadh am Pàpa 'ifrinn' air nuair a thadhaladh e air Alba am bliadhna.
Dh'iarr an Cardinal air daoine beachdachadh air na bha iad ag iarraidh - tuilleadh den aon rud, no atharrachadh air an dòigh anns an robh daoine beò.
Tha e duilich do phàrtaidh a tha air a bhith ann an cumhachd fad 13 bliadhna ri ràdh gu bheil iad a' tabhainn atharrachadh.
An-diugh, am bi Jim Murphy den bheachd gun robh e glic dha creideamh a thogail mar chuspair phoileataigeach?
Taghadh
Tha Mgr Murphy a' riochdachadh Shìorrachd Rinn Friù, sgìre far a bheil coimhearsnachdan mòra Crìosdail, Muslamach agus Iùdhach.
An-diugh tha fear-labhairt a' phàrtaidh air bhith a' dol às àicheadh gun robh ceangal sam bith eadar an taghadh agus na thuirt Mgr Murphy a-raoir.
Sin a dh'aindeòin mar a rinn e iomradh air an sgìre phàrlamaid aige air a' chiad duilleig den òraid aige.
Ach ge b' e dè thug air Mgr Murphy an òraid seo a ghabhail, tha e air deagh cheist a thogail:
Am bu chòir ceangail a bhith ann eadar creideamh agus poileataigs?
Mar as àbhaist, fàgaibh ur beachdan fhèin an seo.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.