Abair baisteadh
As dèidh do Fiona Hyslop an caibineat fhàgail chleachd Iain Gray àm nan ceist airson aire a ghluasad bhuaipse gu Ailig Salmond.
Chleachd e pàipearean dìomhair a sheall gun d' fhuair an riaghaltas comhairle bhon t-seirbhis catharra ann an 2007 nach gabhadh an gealtanas aca air meud chlasaichean a cho-lionadh ro 2011.
Dà mhìos as dèidh sin, thuirt Mgr Salmond sa phàrlamaid gun ruigeadh iad an targaid de 18 airson a chiad trì bliadhna sa bhun-sgoil ron ath-thaghadh.
Thuirt Mgr Gray nach robh Mgr Salmond air an fhìrinn innse don t-seòmar air a' chùis.
A bheil sin cothromach? Bheir an t-seirbhis catharra comhairle seachad, ach 's ann an urra ri ministearan dè nì iad leis.
Thuirt Mgr Salmond gur iad na h-ùghdarasan ionadail a bu choireach airson an dàil ann a bhith lùghdachadh meud chlasaichean.
Gu h-araid, thuirt e, an fheadhainn fo bhratach nan Làbarach.
Brosnachadh
Dh'fhaighnich Annabel Goldie carson a chaidh Fiona Hylop a chur far a dreuchd mura robh càil ceàrr le polasaidh an riaghaltais air foghlam?
Thuirt Mgr Salmond a-rithist gun robh smaoineachadh ùr a dhìth air a' chuspair.
Feumaidh Rùnaire ùr an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, na comhairlean a bhrosnachadh mu luach chlasaichean nas lugha.
Bhruidhinn Tavish Scott air an aon chuspair 's e a' feuchain ri cul a' mhagaidh a dhèanamh air Mgr Salmond air sgàth mar a dh'fhàg Fiona Hyslop.
Ach bha dèogh fhreagairt aig a' Phrìomh Mhinistear - 's e sin gun do dh'fhàg 17 ministear bhon riaghaltas mu dheireadh - nam measg, Mgr Scott fhèin.
Abair baisteadh do Mhìcheal Ruiseal air a' chiad là aige na dhreuchd.
Air cùlaibh an dol-a-mach seo tha deasbad cudromach mu sgoiltean.
Cò air a tha an dleastanas air an son, agus cò leis am bu chòir an stiùireadh - riaghaltas nàisteanta, na h-ùghdarasan ionadail no sgoiltean agus pàrantan fhèin?
Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse uile.

Is mise Niall O’Gallagher. Bidh mi a’ blogadh an seo mu chùisean poileataigeach ann an Alba.
BeachdanFàg beachd
Mar a chluinn mi cuisean air an radio, Bhuanich Ailig an deasbad seo.
Feumaidh an dubhlanaich stad a cuir air an aibheiseachadh ma tha iad son dhaoine gan eisdachd.
Gu h-araid Ian Gray, cha tig cail as a bheul ach "sound-bites".