Tha Fin agus Snoot ag obrachadh a-mach farsaingeachd a' ghàrraidh aca airson a chòmhdach le gorm-fheur Bogmany
Dè th' ann am farsaingeachd?
Tha farsaingeachd a' ciallachadh na tha cumadh còmhnard a' toirt a-mach de rùm.
Tha farsaingeachd air a thomhas ann an aonadan ceàrnagach:
tha ceudameatairean ceàrnagach (cm²) math airson farsaingeachd bheag a thomhas – mar modal no dealbh
tha meatairean ceàrnagach (m²) math airson farsaingeachd nas motha a thomhas – mar balla no raon-cluiche
Ciamar a dh'obraicheas tu a-mach farsaingeachd cumaidh?
Obraichidh tu a-mach farsaingeachd cumaidh le bhith ga roinn ann an ceàrnagan agus an uair sin a' cunntadh nan ceàrnagan gu lèir. Faodaidh seo a bhith caran slaodach ma tha cumaidhean mòr agad.
A bheil dòigh nas luaithe ann?
Le ceàrnagan agus ceart-chearnaich faodaidh e bhith nas luaithe ma thomhaiseas tu an fhaid, agus an leud, agus ma dh'iomadaicheas tu iad an uair sin. Mar sin ma tha ceart-cheàrnach 2 cm a dh'fhaid agus 3 cm a leud, 's e an fharsaingeachd:
2 cm x 3 cm = 6 cm²
More on Tomhas
Find out more by working through a topic