Tha Fin agus Snoot a' cleachdadh nan comharran-clèithe air map airson a dhol cuairt air eilean
Dè th' ann an comharra-clèithe?
Bidh comharra-clèithe ag innse dhut far a bheil rudeigin air map.
Tha dà phàirt ann an comharra-clèithe:
- bidh a' chiad litir no àireamh ag innse dè cho fada a-null map 's a tha rudeigin
- bidh an dàrna litir no àireamh ag innse dè cho fada suas air map 's a tha rudeigin

Eisimpleir
Ciamar a lorgas tu an comharra-clèithe D2?
Seo aon dòigh air a dhèanamh:
- an toiseach theirig a-null gus an tig thu gu D
- an uair sin theirig suas gus an tig thu gu 2
Seo dòigh eile:
- theirig a-null am bonn le do chorraig gus an tig thu gu D
- theirig suas a' chliathaich leis a' chorraig eile gus an tig thu gu 2
- gluais aon chorrag a-null agus a' chorrag eile suas gus an coinnich iad
Fhuair thu gu D2 leis an dà dhòigh.

More on Cumadh, suidheachadh agus gluasad
Find out more by working through a topic