Tha Fin agus Snoot a' cleachdadh phàtrain àireamhan airson todhar a' bhoglagrod a chur dhan bhiona cheart
Dè th' ann an òrdugh àireamhan?
'S e liosta àireamhan a th' air an ceangal le riaghailt no pàtran a th' ann an òrdugh àireamhan.
Ma dh'obraicheas tu a-mach an riaghailt, obraichidh tu a-mach na h-ath àireamhan no àireamh a tha dhìth san òrdugh.
'S e 1, 2, 3, 4, 5… agus mar sin air adhart an t-òrdugh àireamhan as sìmplidhe a th' ann.
'S e an riaghailt gum bi thu a' cur-ris 1 gach turas.
Seo òrdugh àireamhan eile. Am faic thu an riaghailt?
2, 4, 6, 8, 10…
'S e an riaghailt gum bi thu a' cur-ris 2 gach turas. Am faca tu gu bheil an t-òrdugh seo an aon rud ri clàr uiread 2?
Faodaidh òrdugh a dhol suas no sìos. Am faic thu na riaghailtean an seo?
50, 45, 40, 35, 30…
'S e an riaghailt gum bi thu a' toirt-air-falbh 5 gach turas. 'S math a rinn thu ma chunnaic thu sin.
More on Pròiseasan àireimh
Find out more by working through a topic
- count1 of 13

- count2 of 13

- count3 of 13
