Eòlas-leighis tro na linntean
Galaran tràth, mòr-sgaoilte: a' phlàigh
Mharbh a' phlàigh bhubonaig, no am Bàs Dubh, faisg air dara leth sluagh an t-saoghail anns na Meadhan Aoisean.

Eòlas-leighis anns na Meadhan Aoisean, 500AD gu 1500AD
Cha robh cothrom aig dotairean anns na Meadhan Aoisean air an eòlas adhartach a tha againn an-diugh. Mar sin dè am fiosrachadh a bh' aca?

An t-Ath-bheothachadh: adhartas ann an eòlas-leighis, 14mh-17mh linn
Leis an Ath-bheothachadh, chaidh togail air seann eòlas agus thàinig linn anns an robh saidheans agus eòlas-leighis air ath-nuadhachadh.

Tùsairean meadaigeach
Chuidich an obair aig dotairean agus sgoilearan fa leth gus adhartas a dhèanamh ann am practas meadaigeach.

Sgrùdadh-cùise: Cholera
Bidh an galar cholera air a ghiùlan ann an uisge, agus thug e bàs dha na mìltean dhaoine anns an Roinn Eòrpa anns an 19mh linn. Faigh a-mach mar a chaidh cur às dha.

Eòlas-bodhaig agus eucoir – Burke agus Hare: Mèirlich nan cuirp
Anns an 19mh linn, bha dotairean glè thric a' cleachdadh cuirp eucoraich mharbha airson corp-ghearradh ionnsachadh. Faigh a-mach mu obair oillteil mèirlich nan cuirp.

Eadar-theachd an riaghaltais ann an cùram-slàinte
Anns an 19mh linn, smaoinich riaghaltasan nach b' urrainn slàinte na dùthcha a bhith air fhàgail an urra ri daoine fa leth a-mhàin.

Buaidh cogaidh air leasachaidhean meadaigeach
Chaidh iomadh adhartas meadaigeach san 20mh linn a leasachadh tro làimhseachadh shaighdearan anns a' Chiad agus anns an Dàrna Cogadh Mòr.
