A' cur-ris agus a' toirt-air-falbh airson iomlaid obrachadh a-mach

Part ofÀireamhachd agus MatamataigAirgead

Tha Snoot agus Fin a' cur-ris agus a' toirt-air-falbh airson rudan a cheannach agus iomlaid obrachadh a-mach

Notaichean agus sgillinnean

Tha notaichean agus sgillinnean ann an airgead. Tha aon not an aon rud ri 100 sgillinn.

Bidh notaichean sgrìobhte le £ ron àireimh:

  • mar eisimpleir tha dà not air a sgrìobhadh mar £2

Tha sgillinnean air an sgrìobhadh le sg an dèidh na h-àireimh:

  • mar eisimpleir tha fichead sgillinn air a sgrìobhadh mar 20sg

Uaireannan bidh notaichean agus sgillinnean sgrìobhte còmhla màr £ agus an àireamh notaichean le dotag agus an uair sin an àireamh sgillinnean:

  • mar eisimpleir tha aon not agus caogad sgillinn air a sgrìobhadh mar £1.50

Ciamar a bhios tu a' cur-ris agus a' toirt-air-falbh airgead?

Ma bhios tu ag obair dìreach le notaichean, no dìreach le sgillinnean, faodaidh tu cur-ris agus toirt-air-falbh san aon dòigh ri àireamhan àbhaisteach.

Ma bhios tu ag obair le notaichean agus sgillinnean, cuimhnich gu bheil 100sg = £1

Bidh a' dol thairis air 100 feumail. Seo mar a nì thu e:

  • obraich a-mach dè dh'fheumas tu a chur ris a' chiad àireimh de sgillinnean airson 100 a dhèanamh

  • cuir 1 ris na notaichean airson an 100 sgillinn

  • thoir-air-falbh na chuir thu ris bhon dara àireamh

  • tha an àireamh a th' air fhàgail ag innse cia mheud sgillinn a th' agad

  • cuir seo ris an àireamh notaichean airson freagairt dheireannach

Eisimpleir

Dè th' ann an 70sg + 40sg?

Dè dh'fheumas tu a chur ri 70sg airson 100sg a dhèanamh?

70sg + 30sg = 100sg

Tha seo a' dèanamh £1.

Thoir-air-falbh 30sg bho 40sg

40sg – 30sg = 10sg

Cuir seo ris na notaichean agus nì thu £1.10sg

More on Airgead

Find out more by working through a topic