‘S iomadh cunntas a thugadh air call na h-Iolaire thairis air na bliadhnaichean, air telebhisean, air rèidio agus ann am pàipearan-naidheachd.
Nam measg, tha cunntasan bho chuid den fheadhainn a shàbhail aiste. Bha 82 dhiubh sin ann agus chithear liosta dhiubh an seo.
Mar eisimpleir, sgrìobh Tormod Calum Dòmhnallach ann an Gasaet Steòrnabhaigh:
“When he heard that the ship had gone down, my grandfather, an old fisherman, had without being told where the Iolaire had struck, said: “Is ann air na Biastan a chaidh i.” Local knowledge that might have saved the yacht had island men been up on the bridge.”
Chaidh iomradh a dhèanamh ann an “Loyal Lewis, Roll of Honour for the Isle of Lewis” mu bhàs tiamhaidh Choinnich MhicPhàil à Àrnol. B' e sàr-eisimpleir air na dh'fhuiling fir nan eilean anns a' chogadh a bh' ann:
“He was the sole survivor of a ship torpedoed in the Mediterranean in October 1917. He had a terrible experience before he was rescued having been nearly 36 hours in the sea until washed ashore in Algeria. Pathetic in the extreme it is to think that this powerful seaman after so miraculous an escape in the Mediterranean, perished within a few feet of his native soil.”
A' bruidhinn air an rèidio ann an 1959, thug Dòmhnall MacPhàil iomradh air àm a fhuair a charaid lorg air corp a mhic:
“Tha man's son was there, and I remember he was so handsome that I could have said he was not dead at all. His father went on his knees beside him and began to take letters from his son's pockets. And the tears were splashing on the body of his son. And I think it is the most heart-rending sight I have ever seen.”
Chaidh luaidh a dhèanamh air a' chreach ann an òrain cuideachd. Mar eisimpleir, thuirt Mhurchaidh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist:
“Tha 'n cogadh nis thairis ‘s a' bhuaidh leis na fiùrain
Tha nochd ri tighinn dhachaigh, tha ‘n Iolaire gan giùlain.
“Raoir reubadh an Iolaire, bait fo sgiathaibh tha h-àlach
O na Hearadh tha tuireadh gu ruig Nis nam fear bàna.”
Cha robh Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) à Dail bho Dheas ach deich bliadhna an 1919. Sgrìobh e na leanas ri linn e dhol a choimhead air Biastan Thuilm:
“Cò an cridh' tha blàth a' bualadh nach leagh le truas rim beud? Cò an t-sùil a chunnaic luaidh air nach sileadh bhuaip' an deur? An uair bu chinntich sàbhailteachd, ‘s iad làimh rin dachaigh fhèin, ‘S e am bàs a rinn am fàilteachadh ‘s a bhàth iad ris a' Bhèist.”

An Iolaire a' dol air na Biastan

Dòmhnall 'Am Patch' Moireasdan

A' caoidh na mairbh
Cunntasan
Faic agus èist ri cunntasan mun chreach.
- Thàinig Dòmhnall Òg far an Iolaire.
- Bha bràthair a mhàthar beò nuair a fhuair e gu tìr.
- B' ann mu thrì uairean sa mhadainn a fhuaireadh an naidheachd.
- Chaidh a thiodhlacadh ann an Sgarasta.
- "The sea came, and the sea took it away." (Beurla)
- Bha Dòmhnall Moireasdan òg nuair a thachair e. (Beurla)
- An dèidh na dh'fhuiling iad tron chogadh... (Beurla)
- Chaidh a h-athair a thiodhlacadh gun fhios dhan teaghlach.
- B' ann às a' Mhuir Mheadhan-Thìreach a bha athair Mòr a' tilleadh.
- Bhathas ag ullachadh anns na taighean.
- Cha robh Mòr aig an taigh nuair a thàinig an naidheachd.
- Cha robh tuigse Mòir a' ruighinn air dè a bha tachairt.
- Bha aon fhear 's cha d'fhuaireadh an corp aige a-riamh.
- Chan fhaodar bruidhinn air idir.
- Chuala Sandaidh MacLeòid droch sgeul mun Iolaire.
- Bha mòran de mhuinntir Leòdhais a' cur na coire air an sgiobair.
- Chaidh coimhearsnachd an Rubha a ghoirteachadh gu mòr.
- Bha sia tiodhlacaidhean ann an Siabost san aon là.
- Cha d'fhuair mòran dhaoine fios mun tubaist gus an ath là.
- Bha aon fhear cinnteach nach tilleadh e dhachaigh sàbhailte.
- Cha robh càraichean ann, 's e giogaichean a bh' aca.
- Bha e duilich a' coimhead nan làraidhean le na cisteachan.
- "It's not a request, it's an order."
- "Cha tèid siud às ar cuimhne a-chaoidh."
- "Tha thu determined."
- "Bha m'athair anns an life-saving."
- "Chaidh call mòr air an eilean."
- Cha do dh'èigh duine Bliadhna Mhath Ùr tuilleadh.
- Bha aon tè nach no dh'ith iasg a-rithist bho thachair e.
- Bha an call ùr dhaibh a h-uile Bliadhn' Ùr.
- Dòmhnall MacPhàil à Siabost a' cuimhneachadh air call na h-Iolaire.
- "Bha rudeigin uabhasach air tachairt."
- "Bha mi ri tuiteam, 's bha mi ri 'g èirigh."
- "Bha e mar duine às a rian."
- Bha Màiri Iain Mhurch' Chaluim ag ullachadh airson a h-athair.
- Balaich an Rubha.
- Aig banais an dèidh làimh.
- A' lorg nan corp.
- Na Sasannaich gan tiodhlacadh, gun ainm.
- "Cha robh duine a' dèanamh càil."
- Cha robh e furasta coiseachd nuair a ràinig iad Tolm.
- "Bha mi ag èigheachd ainm mo bhràthair" le Dòmhnall Moireasdan.
- "Thank God you're saved."
- Fhuair Iain MacIllinnnein air tìr air an ròpa.
- Cunntas bho Raibeart MacFhionghain às Na Hearadh.

