An Call

Mapa Leòdhais agus Na HearadhNisTolastadhBràgar & ÀrnolSiabost & CàrlabhaghCol & Am BacSteòrnabhaghBreascleit, Beàrnaraigh & ÙigPort Mholair gu SiadarPabail gu AiginisCeann a Tuath nan LochCeann a Deas nan LochNa HearadhNa HearadhBreascleit, Beàrnaraigh & ÙigCeann a Tuath nan LochCeann a Deas nan LochPort Mholair gu SiadarPabail gu AiginisNisBorgh & SiadarTolastadhCol & Am BacBràgar & ÀrnolSiabost & CàrlabhaghSteòrnabhaghBorgh & Siadar

Thug a’ chiad chogadh buaidh mhòr air Leòdhas agus na Hearadh.

Bha mu 30,000 a’ fuireach ann an Leòdhas eadar 1914-18, ‘s bha mu 6,200 an sàs anns a’ chiad chogadh ann an dòigh air choireigin. Mar sin, bha aon a-mach às gach còig à Leòdhas an sàs, ‘s fhuair 1000 dhiubh sin bàs ri linn.

Cha robh sgìre anns an Eilean Fhada nach do dh’fhuiling call anns a’ chogadh. Mar sin, bha Oidhche Challainn 1918 làn dòchais do mhòran. Bha an cogadh seachad, bha sìth air a ghairm agus bha na fir air an t-slighe dhachaigh an dèidh ceithir bliadhnaichean fada.

Uaighean cuid a chaill am beatha

Uaighean cuid a chaill am beatha

Ach air madainn na Bliadhn’ Ùire chualas fathannan mu thubaist uabhasach, fathannan a mhùch dòchas. Choisich iomadach fear mìltean mòra gu Steòrnabhagh a shireadh naidheachd. B’ e naidheachd dhòrainneach, chianail a bha feitheamh orra.

Bha 201 duine air am bàthadh air an oidhche ud. Bha caoidh is ionndrainn air gach fear aca. Nam measg chaill dà theaghlach le ochdnar chloinne an athair. Chaill dà theaghlach le seachdnar chloinne an athair. Chaill 4 teaghlaichean dithis mhac. Bha 58 bhanntraichean ùra agus bha 209 cloinn gun athair. ‘S gann gu robh baile air nach tàinig call.

“The villages of Lewis are like places of the dead. The homes of the island are full of lamentation – grief that cannot be comforted. Scarcely a family has escaped the loss of a near blood relative. Many have had sorrow heaped upon sorrow.” Scotsman, 6 January 1919

Air a’ mhapa, chithear co às a bha an fheadhainn a chaill am beatha (as aonais an criutha). Cliog air na ceanglaichean gus faicinn cò iad.

Skip to top

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.