

Anmoch air an fheasgar air 31mh Dùbhlachd 1918, dh’fhàg HMY Iolaire Caol Loch Aillse air an t-slighe gu Steòrnabhagh. Bha 283 duine air bòrd. A bharrachd air criutha an t-soithich, b’ e seòladairean agus saighdearan air an t-slighe dhachaigh aig deireadh a’ chiad chogaidh a bh’ air bòrd.
Dìreach ro dà uair sa mhadainn, madainn Là na Bliadhn’ Ùire 1919, mu 50 slat bhon chladach, chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm, mu mhìle bho chidhe Steòrnabhaigh. Cha dhìochuimhnich muinntir nan eilean a’ chreach a thàinig orra gu sìorraidh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.