Wilma NicUalraig

Wilma NicUalraig

Rugadh Wilma NicUalraig ann an Glaschu ann an 1969. Bha a h-athair, Alasdair, à Tiriodh agus tha a màthar, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar neach-teagasg sheinneadairean is luchd-ciùil.

Chaidh Wilma do Sgoil Bhellahouston sa bhaile agus rinn i dràma airson bliadhna ann an Cathair Challdainn mus tug i ceithir bliadhna ann an Cardiff a' dèanamh ceum ann an dràma ann an Colaiste Ceòl agus Dràma na Cuimrigh.

Cho luath agus a cheumnaich i, chaidh i a dh'obair còmhla ris a' chompanaidh Òrdag is Sgealbag a bha a' toirt dealbhan-chluich mun cuairt sgoiltean air feadh Alba agus a' dèanamh dràma leis a' chloinn.

Bhon uair sin tha i air a bhith an sàs ann an iomadh prògram rèidio agus telebhisean agus ann an iomadh pròiseact, a' cleachdadh a sgilean mar chleasaiche, mar neach-teagaisg, mar sheinneadair agus mar stiuiriche còisir.

Ann an 1995, choisinn i an duais airson a' bhana-chleasaiche a b' fheàrr aig fèis filmean anns an Spàinn. Bha seo airson am pàirt a chluich i anns a' chiad film fada a rinneadh sa Ghàidhlig, As an Eilean.

Mar is dual dhith tha Wilma air a bhith a' seinn bho 's cuimhne leatha agus tha cuimhne aice a bhith air àrd-ùrlair 's i glè òg. Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Inbhir Pheofharain ann an 1991.

An-diugh, a bharrachd air a bhith a' seinn leatha fhèin agus còmhla ri na Caimbeulaich eile, tha Wilma a' teagasg òrain Ghàidhlig do na h-oileanaich ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc. Tha i cuideachd a' stiùireadh Còisir Ghàidhlig Dhùn Dèagh mar a tha i air a bhith a' dèanamh bho chionn seachd bliadhna.

Tha Wilma pòsta agus tha aon nighean bheag aice a tha dìreach air tòiseachadh san sgoil. Tha a dachaigh ann am Broughty Ferry agus tha i gu mòr an sàs ann a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig san sgìre.

Tha clasaichean seinn aice do dh'inbhich agus do dh'òigridh agus bidh i a' tadhal air sgoiltean ann an Dùn Dèagh airson ùidh na cloinne ann an Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha i air tòiseachadh a' teagaisg Gàidhlig ann an Oilthigh Dhùn Dèagh agus tha i gu mòr an sàs anns an Dundee Highland Society.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.