Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)

Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhàin. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach air oighreachd Uibhist a Deas agus an uair sin air oighreachd Uibhist a Tuath.

Bha e aithnichte mar dhuine a bha fìor eòlach air eachdraidh agus òrain an eilein agus bha e cuideachd tric an ceann an t-seinn an Eaglais Chairinis, far an robh e na èildear fad iomadh bliadhna.

'S ann dha a rinn an t-Urr. Alex Muir, a bha na mhinisteir san eaglais, am port Hugh Matheson of Baleshare, "a tribute to a man who represents, in a unique way, the life and culture of the Uists."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.