Ùisdean MacCuinn

'S ann aig an taigh ann an Cullipool air Eilean Luinn, eilean beag anns an Linne Latharnach mu 16 mìle deas air an Òban, a dh'ionnsaich Ùisdean MacCuinn Dì-moladh na Tì.

Thogadh Ùisdean ann an dachaigh far am biodh iad a' gabhail òrain cha mhòr a h-uile oidhche agus laoidhean soisgeulach air an t-Sàbaid.

Tha e a' cumail a-mach gum faodte gur ann às na h-Eileanan Siar a thàinig an t-òran chionns gum biodh fireannaich gu leòr às gach ceàrnaidh de dh'Alba tighinn dhan nàbachd a dh'obair as na cuaraidhean sglèat.

Chaidh Ùisdean don bhun-sgoil a bha an ceann a tuath an eilein. Bha mu 26 sgoilear innte aig an àm agus bha sgoil eile aig Achafolla an ceann a deas an eilein.

Nuair a dh'fhàg e an sgoil bha e ag obair anns na cuaraidhean sglèat a bh' ann an Cullipool, an Tobar Dhonnchaidh agus aig Port Màiri. Seo an sglèat a tha air mullach Oilthigh Ghlaschu agus air a' mhullach ùr a chaidh air an abaid an Eilean Ì.

Bha e aig obair na sglèat gus na dhùin na cuaraidhean ann an 1965. An uair sin chaidh e a dh'obair aig na bràithrean Cadzow a' bhriod crodh ainmeil Luinn, 's a fhuair aithne bhon riaghaltas an toiseach ann an 1965.

An dèidh deich bliadhna a thoirt còmhla riuthasan, thoisich Ùisdean ag iasgach airson crùbagan, giomaich agus muasgain-chaola. Tha a mhac air an obair seo a chumail a' dol bho leig athair seachad a dhol gu muir, ged a bhios e fhathast a' coimhead às dèidh gnothaichean air tìr.

Ghabh Ùisdean ùidh ann am farpaisean a' Mhòid nuair a bha e mu cheithir bliadhna deug. Dh'fheuch e an toiseach air a' Bhonn Òr ann an Dùn Dèagh nuair a bha e naoi bliadhna deug, agus canaidh e gun do chuir e iongnadh air gun d' fhuair e dhan chuairt dheireannaich.

Lean e air a' dol chun na mòdan an-dràsta 's a-rithist gus na phòs e ach leig e seachad e fhad 's a bha an teaghlach a' fàs suas.

Thill e an uair sin gu na farpaisean agus, aig Mòd Loch Abar ann an 1985, choisinn e am Bonn Òr, mar a rinn dithis eile à Eilean Luinn roimhe, Nan NicAonghais ann an 1926 agus Sandy MacIlleDhuinn ann an 1938.

'S iomadh cèilidh agus consairt aig na sheinn Ùisdean, rud a bha a' còrdadh gu mòr ris. Tha e còrr is 70 bliadhna a-nise, fhathast a' seinn agus fhathast a' fuireach air Eilean Luinn far a bheil e air a bheatha a chur seachad.

'S ann mu mheadhan na seachdamh linn deug a nochd tì ann am Breatainn an toiseach ach cha b' fhada gus an robh ìslean agus uaislean toigheach air a bhith ga h-òl. Bha achdan Pàrlamaid ann ri linn a' chiad Rìgh Teàrlach a' bacadh reic tì ann an taighean-seinnse, agus chaidh cìs a chuir air tì ann an 1676.

Ro mheadhan na h-ochdamh linn deug bha a' chìs air tì cho àrd ri 119%, agus bha cùl-mhùtairean a' toirt na tì dhan rìoghachd à Lochlainn agus às an Òlaind. Lean seo gus an deach a' phrìs ìsleachadh ann an 1784.

Anns an ochdamh linn deug bha soithichean ainmeil mar an Cutty Sark a' toirt tì eadar Sìona agus Lunnainn, agus bha farpais bhliadhnail ann le duais airson an tè bu luaithe.

Ann an 1866 b' e Dòmhnall MacFhionghain, Dòmhnall MacNèill 'ic Dhòmhnaill Ruaidh, à Hianais an Tiriodh a bha na sgiobair air a' bhàta tì, an Taeping, a bhuannaich an rèis an aghaidh bàta air an a robh an Ariel a bha fo chomannd Albannach eile, Caiptean Keay.

Tha cuimhne air a chumail air an rèis as an t-òran a rinn Iain MacFhionghain à Muile, an saor a bh' air an Taeping:

Bha 'n Ariel bhòidheach gar feuchainn aig seòladh
Gur h-i a bu chòir a bhith còmh' rinn san am;
'S le mheud 's fhuair thu dh'fhoghlam an toiseach do thòisich,
Gun bheat thu iad còmhla 'n àm crosadh na Line.

'S i ghearradh an fhairge mar shiosar air caimrig
Is Chinaman mailgheach na dhealbh air a sròin;
'S i thairgeadh an t-sùrdag air bhàrr nan tonn dubh-ghorm
Mar fhiadh anns a' bhùireadh air chùl nam beann mòr.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.