Uilleam Ros

Ann am prògram a rinn e do BhBC Radio nan Gàidheal thuirt am bàrd agus an sgoilear, an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais, mu Uilleam Ros:

"Tha an t-ainm fhathast a' dùsgadh ìomhaigh shònraichte ann an inntinn a' Ghàidheil - ciùine, blàths cridhe, gaol leòinte, Cuachag nan Craobh, Mòr Ros.

Tha fhios gu bheil bunait aig an ìomhaigh sin, ach cha b' e duine sìmplidh, socair a bh' ann an Uilleam Ros, ach duine gu math iomadh-fhillte".

Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762, faisg air an t-Sìthein. A' leantainn rathad Ealaghol a-mach às an Ath Leathann, tha làrach taigh mòr Choire Chatachain air an làimh dheis, agus bha an Sìthean faisg air a' sin.

Bha a mhàthair à sgìre Gheàrrloich agus 's ann bho a taobh-se a fhuair Uilleam a' bhàrdachd agus an ceòl. B' e Iain MacAoidh, Am Pìobaire Dall, a bha na bhàrd agus na phìobaire aig Sir Eachainn MacCoinnich Gheàrrloich, a sheanair.

B' ann as an Eilean Sgitheanach a bha athair, ceannaiche-siubhail air an robh Iain Ros. Bhiodh Uilleam òg tric a' falbh còmhla ri athair agus, mar sin, fhuair e eòlas air na h-eileanan agus àiteachan eile air feadh na dùthcha. Fhuair e cuideachd eòlas air dualchainntean eadar-dhealaichte.

Bha e math air ceòl. Chluicheadh e an fhidheall, am feadan agus innealan-ciùil eile, agus bhiodh e a' togail an fhuinn san eaglais.

Ghluais an teaghlach gu Farrais gus am faigheadh a' chlann foghlam clasaigeach. Bha Uilleam na dheagh sgoilear agus an dèidh dha an sgoil fhàgail thill an teaghlach gu Geàrrloch.

Ann an Geàrrloch, bha e ag obair mar fhear-teagaisg, agus lean e ris a' sin gus na bhris a shlàinte.

Ann an 1782, chaidh e a dh'fhaicinn dotairean an Dùn Èideann, agus mhol iad dha gum biodh àile ghlan nam beanntan math dha. Ghluais e gu Bràghad Albainn eadar 1783 agus 1786 ach bha e ag ionndrainn Gheàrrloch:

A Shrath Chill Fhaolain nam bà maola
'S nam fear caola, luatha,
'S mi nach taodhladh air do ghaol thu
Nochd gur faonraidh fuar thu;
Thuirt beul an ràfaird rium gum b' fheàrr thu
Na Geàrrloch an Taobh Tuatha
Fhearann gortach, làn do bhochdainn
Gun socair aig tuath ann.

Beir mo shoraidh thìr a' mhonaidh
Is nam beann corrach àrda,
Frith nan gaisgeach 's nan sonn gasta
Tìr Chlann Eachainn Gheàrrloch;
Gur uallach eangach an damh breangach
Suas tro ghleannan fàsaich;
Bidh cuach sa bhadan seinn a leadain
Moch sa mhadainn Mhàighe.

Cha d' fhuair Uilleam slàinte am Bràghad Albainn agus chaochail e am Bad a' Chrò leis a' chaitheamh agus leis a' chuing ann an 1790. Cha robh e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. Chaidh adhlacadh ann an Clachan Gheàrrloich far na thadhail Ruaraidh MacThòmais air an uaigh aige dìreach as dèidh an dara cogadh. Sgrìobh e:

Dubhar nan craobh air leth-taobh a' chladha
's an traigh a' sineadh thall,
tha cronan nan tonn is luasgan nan duilleach
gad thaladh a-null 's a-nall;
cha bu mhath gun tigeadh ort fois ro bhuileach
's gun chuimhne do mhulaid air chall.

Ged a rinn Uilleam Ros, mar eisimpleir, dàin molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain èibhinn, chan eil teagamh nach ann airson òrain gaoil a tha e gu h-àraidh aithnichte.

A rèir beul-aithris, thuit e ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, turas is e as a' bhaile. Gu mi-shealbhach phòs Mòr sgiobair à Liverpool, Caiptean Clough, ann an 1782, agus dh'fhalbh iad a Shasainn.

Bha Mòr air pòsadh nuair a rinn e Feasgar Luain agus e a' cuimhneachadh air an fheasgar Luain ud a bha e na cuideachd:

Dhiùc mar aingeal mu mo choinneimh
'N ainnir òg bu ghlaine snuadh,
Seang-shlios fallain air bhlàth canaich
No mar an eal' air a' chuan;
Sùil ghorm mheallach fo chaol-mhala
'S caoine sheallas 'g amharc uath',
Beul tlàth, tairis, gun ghnè smalain
Dhan gnàth carthannachd gun uaill.

Mar ghath grèin' am madainn Chèitein,
Gun mheath i mo lèirsinn shùl,
'S i ceumadh ùrlair gu rèidh iompaidh
Do rèir pungannan a' chiùil:
Rìbhinn mhodhail, 's fìorghlan foghlam
Dh'fhìon-fhuil mhòrdhalach mo rùin,
Reul nan òighean, grian gach còisridh,
'S i 'n chiall chòmhraidh, cheòl-bhinn, chiùin.

Tha an cràdh a dh'fhuiling Uilleam ros a thaobh Mòr a' tighinn am bàrr tric as na h-òrain aige, uaireannan 's gun e idir a' toirt iomradh oirre.

Ar leam nach b' e 'n gliocas
Dhomh fhèin siud gun tuitinn an gaol
A chailin a thrèig mi
'S a chuir an neo-speis mi cho faoin;
Nan smaointichinn ceart air
Gum fàsadh an lasair sin caoin;
Gum bàthainn i buileach
'S cha chuireadh i tuill mi 'n laoid.

Bha Uilleam Ros cuideachd mothachail gu robh dà thaobh air a' ghaol, agus tha seo a' tighinn am bàrr anns an 'Òran Eadar am Bàrd agus Cailleach Mhilleadh nan Dàn':

Am Bàrd:
Tha mo leannan nas àillte
Na tha san Roinn Eòrp'
Gur gile 's gur glain i
Na canach an fheòir;
Gur binne na chlàrsach
Leam àbhachd a beòil
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dhith
Chan fhaod mi bhith beò.

A' Chailleach:
'S tu dh'fhosgail thar chòir e
'S nach sòradh a' bhreug
'S a liuthad gnùis rò-ghlan
San Roinn-Eòrpa gu lèir,
Masa samhla dhi 'n canach
Chan aithne dhomh fheum;
Mas e gaol a bheir triall ort
Deagh bhliadhn' às do dhèidh.

Masa binne na chlàrsach
Leat àbhachd a beòil.
Gur neònach nach cuala sinn
Luaidh air a ceòl;
Mur a h-ealaidh os n-ìosal
Ann an dìomhaireachd mhòir
Ris an èireadh a chridhe
Gun ach trì-'ear na còir.

Bha e air a ràdh gun do chuir Uilleam Ros a bhàrdachd na teine mus do bhàsaich e, agus nach eil air fhàgail againn ach na h-òrain a bha air bilean an t-sluaigh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.