Rugadh Uilleam Moireasdan, Uilleam a' Ghladstoin (1915-1981), ann an Lìonal, mac Dhòmhnaill Thòmais agus Chairstìon' Iain, às na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis. Bha dithis pheathraichean, Sìne agus Seonag, agus dithis bhràithrean, Murchadh (Jellicoe), agus Tormod (Choffer) aig Uilleam bho chiad phòsadh athar.
Chaill Uilleam a mhàthair nuair a bha e ochd bliadhna a dh'aois. 'S e gobha a bha na h-athair agus bha a' cheàrdaich aige, an toiseach, ann a' Lìonal, far an deach Uilleam dhan sgoil. Ghluais iad às an sin gu Adabroc. Bha Uilleam math as an sgoil ach air sgàth feumalachdan an teaghlaich aig an àm, cha deach e air adhart le foghlam. Nuair a dh'fhàg e an sgoil chaidh e dhan Chabhlaich Mharsantachd.
Chuir e seachad a' mhòr-chuid dha bheatha aig companaidh Shaw Savill air bàtaichean mar a' Waiwera, còmhla ri iomadach eileanach eile. Am measg nan eileanach a bha a' seòladh còmhla ris, bha Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) no An Case, à Uibhist a Deas, a sgrìobh òrain leithid Fàgail Ghlaschu agus A Pheigi a' Ghràidh.
Sgrìobh Uilleam sìos òrain Ruaraidh gu lèir ann an leabhar ach, turas an dèidh dha a bhith a' seinn aig consairt, thug e iasad dhan leabhar do chuideigin aig an robh ùidh anns na h-òrain agus chan fhaca Uilleam an leabhar tuilleadh. Bha seo buileach mì-fhortanach chionns gun robh òrain anns an leabhar sin nach robh aig daoine eile ann, òrain a bha Uilleam air fhaighinn bho Ruaraidh nuair a bha iad le chèile aig muir.
An dèidh a bhith air na bàtaichean a bha siubhal an t-saoghail, chaidh Uilleam air na bàtaichean a bhiodh a' seòladh mu chladaichean Bhreatainn a-mhàin.
Anns an Dàrna Cogadh bha e a' seòladh air tràlair a bha air a h-uidheamachadh airson a' chogaidh, air seirbheis a-mach à Arcaibh. Aig aon àm agus Uilleam aig muir air an Northern Princess, chaidh bàta eile a bha ag obair còmhla riutha a chuir fodha leis a' nàmhaid agus bha nàbaidh dhà am measg nan seòladairean a chaidh a chall, air a' bhàta eile.
Phòs Uilleam Cairistìona Màiri Catrìona às na Còig Peighinnean, ann an 1938, agus bha ceathrar chloinne aca, Dòmhnall, Cairistìona, Cathy Mary agus Dòmhnall Uilleam.
Nuair a bhiodh e aig an taigh bha Uilleam gu mòr an sàs ann an obair fearainn agus bha ùidh gu sònraichte aige ann an crodh, ged nach robh robh mòran aige mu chaoraich idir. Nuair a bha an teaghlach beag chuir e seachad beagan ùine ag obair air sgeamaichean a' Hydro ann an àiteachan mar a' Chlais Chàrnaich. Chuir e seachad greis cuideachd ag obair air na sgeamaichean a thug an t-uisge do bhailtean sgìre Nis.
Bhiodh Uilleam tric a' seinn òrain a bhràthar, Murchadh (Jellicoe), aig cèilidhean air feadh Leòdhais, òrain as an robh aoireadh, spòrs is àbhachdas. Bhiodh e a' seinn òrain bhàird eile na sgìre cuideachd agus taghadh farsaing de na h-òrain Ghàidhlig a bha anns an fhasan aig an àm.
Tha sinn an comain Dhòmhnaill Uilleam Moireasdan airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.