Rugadh Uilleam MacDhunlèibhe anns an t-Sultain 1808 ann an Cill an Rubha an Ìle.
Bha athair, Seumas, na shaor, ag obair do Bhaltair Caimbeul leis an robh oighreachd Ìle. B' e Cairistìona NicPhàidein ainm a mhàthair agus chaidh Uilleam a thogail air Tuathanas Gartmain, faisg air A' Bhogha Mhòir.
Na òige, tha e coltach gu robh e caran luaisgeanach, gun mòran ùidh san sgoil. Thòisich e na bhuachaille chruidh 's e gu math òg ach, an dèidh sin, thug e a-mach a cheàird mar thàillear.
Dh'fhàg e Ìle agus chuir e ùine seachad ag obair ann an diofar àiteachan, mar eisimpleir Dùn Bhreatainn, An t-Arar, Cuimrigh an Siorrachd Pheairt agus Srath Èireann, far na thachair e ri bhean. Rinn iad an dachaigh ann an Grianaig agus an uair sin an Glaschu, agus sin far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha, ag obair na thàillear.
Bha ùidh shònraichte aige ann an seann eachdraidh na h-Alba, gu h-àraidh eachdraidh nan Gàidheal. Dh'ionnsaich e mu eachdraidh nan Ceilteach agus cànanan Eòrpach leithid Laidinn, Frangais agus Grèigis.
B' e Nàiseantach a bha ann an Uilleam, gu mòr air taobh na Gàidhlig, agus dh'fhoillsich e Vindication of the Celtic Character ann an 1850. Sgrìobh e eachdraidh de dh'Alba cuideachd ach cha deach ach pàirtean dheth a chlò-bhualadh.
Tha an ùidh a bha aige ann an seann eachdraidh follaiseach ann an cuid de chuspairean a bhàrdachd, mar eisimpleir 'Na Lochlannaich an Ìle', 'Cath Monadh Bhraca', 'Blàr Dhail Rìgh', 'Cath Allt a' Bhannaich' agus 'Blàr Thràigh Ghruinneard'.
An-diugh tha MacDhùnlèibhe nas ainmeil airson a' bhàrdachd a rinn e, leithid Fios Chun a' Bhàird, mu ana-ceartasan a latha fhèin na tha e airson nan dàn fhada, ghaisgeil.
Chaidh cruinneachadh de a chuid bàrdachd, Duain agus Òrain, deasaichte leis an t-Urramach Raibeart Blair, a chur an clò ann an 1882 leis a' Chomann Ìleach.
Chaochail Uilleam MacDhùnlèibhe gu h-obann san Iuchar, 1870, 's chaidh a thiodhlacadh ann an cladh Janefield air taobh an ear Ghlaschu.
Tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek, anns an leabhar aige Tuath is Tighearna (Scottish Gaelic Texts Society, 1995), a' cumail a-mach gur h-iongantach mur do sgrìobh MacDhùnlèibhe an t-òran cumhachdach Fios Chun a' Bhàird an dèidh do ghrunn dhaoine à "ceàrn na h-Oa", an iar dheas Ìle, falbh nan eilthirich a Chanada ann an 1862-63 mar thoradh air poileasaidhean air an oighreachd aig Iain Ramsay of Kildalton.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.