Uilleam Iain MacAmhlaigh

'S ann à Greòsabhagh, Na Hearadh, a bha Uilleam Iain MacAmhlaigh. Bha cuideachd athair, Ruaraidh MacAmhlaigh, Ruaraidh Lachlainn Ruaraidh, à Beàrnaraigh Ùig, agus bha taobh aig a mhàthar, Màiri Ceit NicAmhlaigh, Màiri Ceit Thormoid Shomhairle, ri Beàrnaraigh na Hearadh.

Rinn Ruaraidh agus Màiri Ceit an dachaigh an Greòsabhagh. Bha Ruaraidh ri croitearachd ach cuideachd bha e ainmeil anns na Hearadh airson togail agus càradh eathraichean, dìreach mar a bha athair roimhe.

Bha naoinear chloinne aca ach chaochail aon nighean is i dìreach na pàiste. B' e Uilleam Iain a b' òige dhen ochdnar eile agus rugadh e air 22 Giblean, 1948.

Gu cianail, chaochail a mhàthair an latha a rugadh e. Cha robh i ach 37 agus cha robh Lachaidh, a bu shine dhen teaghlach, ach 15 is e fhathast a' dol don sgoil air an Tairbeart. Cha robh an duine a b' òige buileach dà bhliadhna agus, ged a bha Ruaraidh airson an teaghlach a chumail cruinn, b' fheudar dha an naoidhean agus an tè bheag a chuir gu an seanmhair air taobh a màthar, mu leth mhìle air falbh bhon dachaigh.

An dèidh an sgoil fhagail chaidh Uilleam Iain do Cholaiste Teicnigeach Inbhir Nis a dhèanamh cùrsa einnseanaireachd. Bha am bàrd Aonghas Iain MacLeoid càirdeach don teaghlach agus b' esan a dh'iarr air Uilleam Iain tighinn a Dhùn Dèagh, far an robh e fhèin a' fuireach, nuair a chrìochnaich e an cùrsa. Rinn e sin agus fhuair e obair ag ionnsachadh ciùird aig a' chompanaidh Timex.

Na bhalach ann an Greòsabhagh, bha Uilleam Iain eòlach air nighean bheag air an robh Catrìona. Bha i a' fuireach san ath bhaile agus bha iad còmhla ann an Àrd-sgoil an Tairbeart. Nuair a chaidh Uilleam Iain a dh'Inbhir Nis, chaidh Catrìona dhan Àrd-sgoil an Inbhir Nis. Chuir i crìoch air cùrsa teagaisg ann an Colaiste Chnoc Iòrdain an Glaschu agus thainig i a Dhùn Dèagh a dh'obair. Phòs iad ann an 1973 agus bha triùir chloinne aca - Iain, Fiona agus Stiùbhart.

Bha deagh ghuth aig athair Uilleam Iain agus bha deagh sheinneadairean air taobh a mhathar cuideachd. Fhuair Uilleam Iain fhèin am Bonn Òr aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Cille Bhrìghde an Ear ann an 1975. Mar iomadh seinneadair eile, ron àm, fhuair e leasain bho Iain MacRath.

Am measg nan seinneadairean a thug buaidh air, bha Alasdair MacGillìosa, gu h-àraidh a thaobh stoidhle agus an seòrsa òran a sheinneadh e. Coltach ris, sheinneadh Uilleam Iain iomadh seorsa òran bho òrain thraidiseanta gu òrain ùra Ghàidhlig agus eadar-theangachaidhean de dh'òrain Country and Western.

An dèidh am Bonn Òr fhaighinn, thòisich Uilleam Iain a' seinn air feadh na dùthcha. Gach deireadh sheachdain cha mhòr, bha e air an rathad, daonnan air èideadh gu snasail. Bha e tric air iarraidh le Comann Gàidhlig Lunnainn. Bha e an Astràilia trì tursan agus sheinn e ann an Taigh-opara Sydney.

Rinn e mu ochd clàir, an toiseach leis a' chompanaidh Liosmor, ach an uair sin stèidhich e a chompanaidh fhèin fon ainm Harmasaig.

'S iomadh duine aig an robh uaireadair Timex an dèidh dha Uilleam Iain tighinn gu aonta leis a' chompanaidh gum biodh cothrom aig a h-uile duine a cheannaicheadh clàr leis uaireadair fhaighinn air prìs na bu shaoire nan àbhaist.

Nuair a dhùin Timex chuir e fhèin agus triùir eile companaidh ùr air chois agus, an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, rinn e mòran airson carthannas.

Gu mì-fhortanach cha d' fhuair Uilleam Iain saoghal fada. Bhris air a shlàinte agus chaochail e air 14 Iuchar, 2006, 's gun e ach 58. Tha e air a thiodhlacadh as na Hearadh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.