Uilleam Dòmhnallach

Uilleam Dòmhnallach

Rugadh Uilleam Dòmhnallach ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh air 19 Dùbhlachd, 1934. B' e athair Uilleam Uilleim Phàdraig à Drinisiadar na Hearadh agus b' i Màiri Chamshron, nighean Ìagain 'an Chamshroin, a bhuineadh dhan Leadaig, a mhàthar. 'S ann à Srath Ghlais a bha na Camshronaich seo air tighinn bho thùs.

B' e Uilleam a b' òige ann an teaghlach anns an robh sianar, dithis nighean agus ceathrar bhalach. Chaochail athair is gun Uilleam ach trì bliadhna a dh'aois.

Bha guth math aig a mhàthair agus bha ùidh aig Uilleam ann an ceòl is òrain bho bha e glè òg. Bha cuimhne shònraichte aige agus dh'ionnsaich e an t-uamhas bho mhàthair. B' e pìobaire a bha na sheanair, Iain Camshron, agus dh'ionnsaich e canntaireachd bhuaidhe-san.

Bha ùidh aig Uilleam ann am beathaichean bho aois òg cuideachd, gu h-àraidh crodh, agus bhiodh e a' buachailleachd a' chruidh do na nàbaidhean moch agus anmoch.

Dh'fhàg Uilleam an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug agus chaidh e a dh'obair dhan Òban. Bha obair chruaidh aige ann, a' coimhead às dèidh ochd mart deug, a' dèanamh moch èirigh airson ullachadh air an son agus an dèidh am bleoghainn bha aige ris a' bhainne a thoirt timcheall gu taighean-òsta a' bhaile le each is cairt.

Ann an 1953 chaidh e a dh'obair ann an taigh-bainne ann an Inbhir Nis agus sin nuair a choinnich e ri Doreen Nic na Ceàrdaich, nighean croitear à Gallaibh, a bha ag obair na banaltram anns a' bhaile. Phòs iad ann an 1955 agus bha ceathrar nighean aca.

Fhad 's a bha e ann an Inbhir Nis bha Uilleam na bhall de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis agus bha e air fear dhan fheadhainn a thòisich còisir Ghàidhlig nam fear sa bhaile.

Gach samhradh bhiodh e a' seinn phuirt airson nan dannsairean aig Pàirc nan Northern Meetings. Bha e fhèin agus a chèile Doreen, nam buill de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus bhiodh e a' seinn glè thric dhaibh.

Anns na trì ficheadan bha e na chìobair air oighreachd chompanaidh British Aluminium aig Ceann Drochaid sa Lagan. An sin bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Bhàideanach, bha cèilidhean talla agus taighe bitheanta, bha mòran nàbaidhean aca agus b' e àm air leth toilichte a bh' ann dhan teaghlach.

An dèidh sin fhuair Uilleam obair mar cheannard air an fheadhainn a bha a' coimhead às dèidh a' chrodh-bainne aig Tuath Bhaile an Tuim, ann am Baile nan Granndach. B' e obair chliùiteach a bha seo oir b' e tuath adhartach a bh' ann, uidheamaichte le goireasan ùra an latha agus bhiodh oileanaich a' dol ann airson eòlas fhaighinn air dòighean obrach ùr.

Fhad 's a bha e ann am Baile nan Granndach bha Uilleam na cheann-suidhe air a' mheur ionadail den Chomunn Ghàidhealach agus ann an 1971, aig a' Mhòd Nàiseanta ann a' Sruighlea, choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs, co-fharpais a chaidh a stèidheachadh a' bhliadhna sin fhèin.

Chaidh e air cuairtean dà sheachdain a dh'Alba Nuadh ann an 1972 agus 1974 agus bha e air chuairt ann an Èirinn. Nochd e mu choinneamh Comann Ghàidhlig Lunnainn agus bha e iomadach uair air àrd-ùrlar ann an Glaschu, Dùn Èideann agus ann an tallaichean air feadh na Gàidhealtachd.

Chaidh Uilleam an sàs ann an cosnadh gu tur eadar-dhealaichte nuair a chaidh e a dh'obair mar fhear-stòir aig obair na h-ola ann an Àird nan Saor agus rinn an teaghlach an dachaigh ann an Cùil Lodair, faisg air Inbhir Nis.

Nuair a dh'fhàg e a chosnadh aig obair na h-ola chaidh Uilleam agus Doreen a dh'fhuireach ann an Ulbster, seachd mìle deas air Inbhir Ùige, air croit a chaidh fhàgail aca le pàrantan Doreen. Chuir iad an taigh air dòigh às ùr, agus bha crodh is caoraich aca air an fhearann. A-rithist bha Uilleam an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig. Bha e ann an Còisir Ghàidhlig Inbhir Ùige agus bha e a' teagasg agus a' cuideachadh sheinneadairean òga. Gu sònraichte am measg na feadhainn a chuidich e bha Raymond Bremner, a choisinn am Bonn Òr ann an 1999.

Chaochail Uilleam na dhachaigh fhèin air 17 Faoilleach, 2010. Tha e mar theisteanas air an seòrsa duine a bh' ann gu robh e a' gabhail òrain suas gu leth uair a thìde mus do shiubhail e.

Tha sinn gu mòr an comain Doreen NicDhòmhnaill, banntrach Uilleim, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.