Tormod Moireasdan (Bàrd Sgiogarstaigh)

Rugadh Tormod Moireasdan, Bàrd Sgiogarstaigh, ann an 1859. Chaidh athair, Dòmhnall, a bhàthadh ann an 1862, a' fàgail a mhàthar, Anna NicLeòid às a' Chnoc Àrd, na banntraich. Bha Tormod a-riamh a' fuireach air a' lot aig 8 Sgiogarstaigh, Taigh a' Bhàird mar a chante ris.

Chaidh e do Sgoil Ghàidhlig a bh' anns a' Ghil agus bha e follaiseach aig aois òg gu robh comas aige mar bhàird. Bha am maighstir-sgoile air tighinn ann bhon mhòr-thìr, agus bha e a' suirghe air tè a bha a' fuireach air an Ach. Air an deireadh sheachdain, b' àbhaist dha a bhith a' coiseachd chun an Ach a choimhead air a leannan. Aon mhadainn Diluain chùm rudeigin air ais e, agus bha a chlann a' feitheamh san sgoil 's gun sgeul air a' mhaighstir-sgoile. Nuair a ràinig e mu dheireadh thall, tha e coltach gu robh Tormod òg air na facail a leanas a sgrìobhadh air a' bhòrd-dubh:

Obraich do chùis
'S bi coma co-dhiù
Do Pheigidh an Ach!

B' e seo a' chiad mhothachadh a bh' aig daoine gu robh gibht na bàrdachd aige.

Bha am bàrd pòsta aig Màiri Mhoireasdan, Màiri nighean Thormoid Alasdair, à Cros, agus bha sianar chloinne aca. Chaidh dithis nighean, Màiri agus Mairead a dh'Amaireaga, mar a chaidh am bràthair, Dòmhnall. Bha am mac eile, Tormod, aig an taigh còmhla ri phàrantan agus an dithis nighean eile, Anna aig an robh bùth ann a' Sgiogarstaigh agus Cairistìona a bha ag obair anns an Labour Exchange an a' Steòrnabhagh.

B' e iasgair agus croitear a bh' anns a' bhàrd agus cha robh e ach na dheugaire air bàt'-iasgaich a bha ag obair a-mach à Steòrnabhagh, agus a' bhiodh a' dol chun a' chost Bucach, nuair a rinn e Hi ho rò tha mi duilich.

Mar na h-iasgairean eile, bha e fhèin agus a theaghlach a' faighinn gnothaichean air creideas as a' bhùth 's a' pàigheadh a' chunntais nuair a gheibheadh iad fhèin am pàigheadh aig deireadh an t-seusain.

Chan eil teagamh nach robh Tormod geur air a theanga. Bha sgeulachd air innse mu thuras a chaidh e do bhùth ann a' Steòrnabhagh a cheannachd paidhir bhrògan. Bha èideadh iasgair air, agus cha do thuig fear na bùtha gur e fear a mhuinntir an àite a bha aige. Nuair a dh'iarr e brògan a cheannachd, chuala am bàrd fear na bùtha ag ràdh ris a' ghille bùth, "Saill iad, agus saill gu math iad!"

Cha do leig am bàrd air gun thuig e seo gus an robh grunn phaidhirichean bhrògan air an sgaoileadh air a bheulaibh.

"Glèidh a-nis agad fhèin iad," ars esan, is choisich e mach às a' bhùth.

Chan eil ach beagan de bhàrdachd Thormoid air sgeul an-diugh. Nuair a chaidh bàta air an robh an Dunalistair às an rathad air cladach Sgiogarstaigh san Iuchar 1885, rinn e bàrdachd sgaiteach ag innse mar a chaidh muinntir an àite a shàbhaladh na b' urrainn dhaibh aiste. Thug e tarraing gu h-àraidh air na boireannaich agus mar a ghabh iad ri na seòldairean:

Nuair a sgaoil a' cheò
'S ann a thòisich na seallaidhean
Bha boireannaich gun bhrògan
'S an còta nan dronnagan,
A' gearradh tron an eòrna
Ri ròidean cha shealladh iad
'S cha chumadh am Black Watch
An taobh shuas dhan a' Chabhain iad.

agus:

Bha smùid air fir san àm bha sin
A' mire ris na caileagan,
Ag iarraidh ciosag airson briosgaid
Cha bhiodh sin ro fhada bhuap';
Bha tàladh ann an deoch Dundee
Gun rinn i iad siud cho carthannach
'S gum biodh iad tron an oidhche
Toirt roinn dhan a' phlaide dhaibh.

Ach an ceann beagan mhìosan
Thig an gnìomh gu bhith aithnichte-
Bidh h-uile tè is dìon oirre
Ag iargain a h-amaideas;
Falach a cuid chìochan
'S a' liathadh le aithreachas
Gun ac' airson an Dùin
Na nì 'n ùrstan a cheannach dhaibh.

B' ann ri dibhearsain a bha am bàrd, ach cha do chòrd a bhriathran ri cuid agus, an ceann beagan ùine, chuir e dà rann eile ris a' bhàrdachd.

'S duilich leam a chluinntinn
G' eil nàimhdean 's gach bail' agam
Airson an rinn mi rainn
Is mar a mhill mi na caileagan;
Ma rinn mi beagan rann
Cha robh ann ach dibhearsain
'S ghuidhinn e bhith breugach
An sgeul a chaidh aithris dhomh.

Ghlèidhinn cliù mo luchd-dùthch'
Ghleidhinn cliù nan caileagan
Cho math ri aon a labhradh ciùin
'S an dàrna sùil ri magadh orr;
Ma chaidh an sgeul air feadh na dùthcha
Cha b' e mo rùn gun tachradh e,
Ach seinnidh sinn air sèist
Cabar Fèidh mar dhibhearsain air!

Nuair a thàinig atharrachadh ann am beatha a' bhàird sa bhliadhna 1910, chan eil teagamh nach do ghabh e aithreachas mu chuid de na rainn a rinn e nuair a bha e na b' òige, agus ma dh'fhaodte gur e sin is coireach gu bheil cho beag dhiubh air lorg an-diugh.

Rinn e laoidhean agus dàin spioradail mar am marbhrann a rinn e do Sheumas Fionnlasdan, Seumas Anndra:

Rinn thu sgrìob a bha dìreach
Cha d' chuir thu mìothlachd air d' aidmheil
'S ann mheas thu 'n tàlant a fhuair thu
Mar neamhnaid luachmhor do d' anam;
Bha d' fhàs air fhaicinn air uairibh
Mar chraoibh air bruaich nan sruth-chlaisean
'S a dh'aindeoin reòiteachd nan geamhradh
Bha toradh trom air gach bagaid.

Nuair a bhàsaich am bàrd air 5 Samhain, 1932, sgrìobh an t-Urramach Calum MacGillìosa mu dheidhinn ann an iris na h-Eaglais Saor Chlèireach:

"Though a man of great gifts and of fluent expression, which made him excel in public prayer and speaking, he had a humble view of his own ability and grace, which caused him to court retirement."

Lean a' bhàrdachd ann an Anna, a nighean, mar tha ri fhaicinn ann an cumha a rinn i nuair a bhàsaich a màthair air 16 Iuchar, 1950:

Chaidh thu tro na càsan
San fhàsach na do chuairt;
Fhuair thu roinn is pàirt ann
De àmhgharan ro chruaidh;
Ach cliù don Tì as aìrde
Chuir E an aithne nuas
Na tuinn ud a bhith sàmhach
'S tu an cunnart bàthaidh uath'.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.