B' e fear de chinn-cinnidh Chloinn 'ic Neacail Sgoirebreac anns an Eilean Sgitheanach a bh' ann an Tormod MacNeacail.
A rèir beul-aithris bha triath Chloinn 'ic Neacail a' fuireach ann a' Sgoirebreac nuair a thàinig "na cuairtearan glana suairce", Rìgh Seumas V sa chuideachd, air chuairt dhan Eilean Sgitheanach anns a' bhliadhna 1540. Thàinig iad air tìr aig Creag a' Mhòr-shluaigh air taobh Sgoirebreac de bhàgh Phort Rìgh.
Chan eil mòran fiosrachadh ri fhaotainn mu chinn-feadhna Chloinn 'ic Neacail gu ruig sinn an dara fear deug, Dòmhnall, a bha na mhinisteir Easbaigeach an Cille Mhoire san dàrna leth dhen t-seachdamh linn deug. Phòs a mhac, Dòmhnall, nighean le MacLeòid Ratharsair agus 's ann ri linn a' phòsaidh aca a rinneadh an t-òran a tha a' toirt dealbh air an taigh agus an dòigh-beatha a bh' aig cinn-cinnidh Chloinn 'ic Neacail ann a' Sgoirebreac:
Taigh mòr an ùrlair chòmhnaird
Far am faighte fìon ri òl ann
À cupannan donna bheòil bhòidhich;
Miosaran 's truinnsearan feòdair
'S amar bruithidh an eòrna,
Deoch cho làidir 's thig on Òlaind.
Ghabh Iain, mac Dhòmhnaill, an tiotal ann an 1723. Às a dhèidh-san thàinig Calum, a dh'eug sa bhliadhna 1813, agus an uair sin Dòmhnall a chaochail ann an 1825 le fiachan cho mòr air agus gun chaill an teaghlach Sgoirebreac.
B' e Dòmhnall seo a b' athair do Thormod MacNeacail a rinn an t-òran 'S Gann gun Dìrich mi Chaoidh. Bha Tormod air a mheas cho math le gunna ri duine a bh' anns an Eilean Sgitheanach na latha agus anns an t-òran tha e a' caoidh nach fhaod e tuilleadh a dhol a shealg air fearann Chloinn Dòmhnaill.
Ged nach eil fios le cinnt gur ann airson poidseadh a chaidh am bacadh a tha seo air, tha e ag innse gun d' fhuair e an t-òrdan ann a' "litir o na h-uaislean".
A' bruidhinn ri Comann Gàidhlig Inbhir Nis air 1 Màrt, 1991, thuirt an Dotair Alasdair MacIllEathain gur dòcha gur ann bho bhràthair a mhàthar, am Morair Kingsborough, a bha na Lord Justice Clerk aig an àm, a thàinig a' litir.
Tha facail an òrain, mar a chaidh am foillseachadh anns an leabhar An t-Òranaiche, (Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich, Glaschu, 1879) a' daingneachadh a bheachd seo:
Thàinig litir à Dùn Èideann
Nach faodainn fhèin nis dol don mhonadh.
Pàdraig Mòr an Ceann Loch Aoinard,
Rinn e 'n fhoill 's cha d' rinn e buinneig.
Tha mo ghunna caol air meirgeadh,
Cha tèid mi don t-seilg leis tuille.
Thèid a chrochadh air na tàirngnean,
'S cha b' e sin leam àite fuireach.
'S ioma latha sgìth a bha mi
Nam shuidhe leis, 's e làn, air tulaich,
Gabhail sealladh air na slèibhtean
Far am bi na fèidh a' fuireach.
Far am bi 'n damh 's a chùl brùite
Nuair rachainn-sa le m' rùn air m' uilinn.
'S tric a mharbh mi fiadh nan stùc-bheann
Air mo ghlùin 's mi lùbadh m'uilinn.
Mar a biodh bràthair mo mhàthar
Bhiodh fiadh nan àrd-bheann is fuil air.
Ach o'n dh'fhàs an lagh cho làidir
'S fheàrr bhith sàbhailt' o gach cunnart.
Nam biodh mo chrodh-laoigh air buaile,
Dh'fhaodainn luaidh' a chur à gunna.
Ach a-nis gur fheudar strìochdadh,
'S fear gun chiall a thèid an cunnart.
Fhuair mi litir o na h-uaislean,
Nach fhaodainn luaidh' a chur à gunna.
Bheir mi 'n ruaig seo do na h-Innsean
Feuch an dèan mi fhèin ann buinneig.
Chan fhaic Pàdraig mi air fàireadh,
'S cha chluinn e stàiririch mo ghunna.
Chaidh Tormod MacNeacail do Tasmania far a deach a bhàthadh sa bhliadhna 1841.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.