Tormod MacIllEathain

Tormod MacIllEathain

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. 'S ann à Uibhist a bha a mhàthair, Peigi, nighean Anna Bheag Aonghais 'ic Iain Mhòir agus bha aon piuthar aige, Lorna Flòraidh, a chaochail ann an 1969.

Bha athair anns a' Chabhlaich Mharsanta tron chogadh agus chuir Tormod seachad òige, bho aois trì bliadhna gus an robh e seachd, a' fuireach ann a' Srathan, aig ceann shuas Loch Airceig. Bha e a' fuireach còmhla ri Seumas Dòmhnallach, Seumas Mòr mac Aonghais 'in Iain Mhòir agus a theaghlach. B' e bràthair a sheanmhar a bha ann an Seumas agus bha e na chìobair. 'S e Baoghlaich a bh' annta agus le sin chaidh Tormod a thogail le Gàidhlig nan Uibhistean.

Nuair a dhùin an sgoil bheag ann a' Srathan, chaidh Tormod dhan sgoil ann an Tòrlum, ann am Beinn na Fadhla airson trì bliadhna mus do thill e a Ghlaschu.

Chaidh e an uair sin do Bhun-sgoil agus do dh'Àrd-sgoil Bhail' Ùisdein air taobh a deas Ghlaschu agus an dèidh ceumnachadh à Oilthigh Ghlaschu chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain airson teisteanas neach-teagaisg fhaotainn.

Bho dh'fhàg e Uibhist gus an robh e mu 23 bhiodh e a tilleadh a dh'Uibhist airson saor-làithean an t-samhraidh gach bliadhna.

Bha e a' teagaisg ann an sgoiltean ann an Inbhir Losa, Cill Chuimein, Glaschu, Lìonail agus an t-Òban. Cha robh e cho fìor thoilichte a' teagasg agus mar a bha na bliadhnaichean a' dol seachad thòisich e a' tionndadh barrachd is barrachd gu cosnadh a dhèanamh air an àrd-ùrlar.

Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich agus Crùn a' Bhàird aig Mòd Ghlaschu, ann an 1967, an aon neach a choisinn an dà phrìomh dhuais sin anns an aon bhliadhna.

Bha e na dheagh phìobaire cuideachd, air ionnsachadh le Seonaidh Roidein Dòmhnallach, sàr phìobaire à Uibhist a Deas, agus ann an Colaiste na Pìobaireachd.

Ann an 1975 thòisich e a' seinn a-rithist, an dà chuid ann am Beurla agus sa Ghàidhlig, agus, ann an ùine nach b' fhada, bha e a' dèanamh a bheò-shlàint air an àrd-ùrlar.

Thòisich e cuideachd a' dèanamh barrachd air rèidio agus gu h-àraidh air telebhisean, agus ann an 1978 chaidh an t-sreath èibhinn Tormod air Telly a chraobh-sgaoileadh, prògraman air an robh meas mòr aig an luchd-amharc.

Fad iomadh bliadhna an dèidh sin, bha Tormod a' dol air chuairt feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean le ceòl, òrain is fealla-dhà.

Ann an 1996 chaidh Cùmhnantan, a' chiad nobhail le Tormod, fhoillseachadh san t-sreath Ùr-Sgeul. Nochd nobhail eile, Keino, dà bhliadhna an dèidh sin. Tha dà nobhail eile an clò cuideachd fo bhratach Ùr-Sgeul, Dacha Mo Ghaoil (2005), agus Slaightearan (2008).

Ann an 2009, nochd The Leper's Bell (Birlinn Ltd) bhuaidhe, fèin-eachdraidh ann am Beurla le beagan Gàidhlig na mheasg.

Bha Tormod pòsta dà uair ach chaidh gach pòsadh ma sgaoil. Bha nighean aige, Temora, bhon chiad phòsadh.

Ged a shoirbhich le Tormod gu ìre anns gach gnothaich ris do chuir e làmh a-riamh, tha trioblaid air a bhith aige le deoch làidir airson a' mhòr-chuid dhe bheatha, agus ma dh'fhaodte nach do ràinig e an ìre a dh'fhaodadh e a bhith air a ruigheachd le chuid thàlantan. Mar a thuirt e fhèin, "'S iomadh cothrom a bh' agam, ach 's iomadh cothrom a dhiùlt mi air sgàth na deoch."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.