
Rugadh Tormod MacArtair ann an Inbhir Nis air 11 Faoilleach, 1972, mac Dhòmhnaill Thormoid Dhòmhnaill Mhòir à Borghastan, ann an Càrlabhagh, Leòdhas. 'S ann às a' Phàirce Dhuibh, anns an Ath Leathann san Eilean Sgitheanach, a tha a mhàthair, Ealasaid NicDhonnchaidh, nighean Sheonaidh 'an Bhig.
Chaidh Tormod do Bhun-sgoil Loch Àrdail agus do dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus an dèidh sin do dh'Oilthigh Obar Dheathain, far an tug e a-mach ceum ann an Cruinn-eòlas.
An dèidh an oilthigh fhàgail cha robh e buileach cinnteach dè bha e airson a dhèanamh agus mar sin dh'fhalbh e a dh'obair dha MacGregor Construction, ag obair air rathaidean is eile air feadh na Gàidhealtachd.
Ann an 1995 chaidh e dhan t-Sabhal Mhòir, far an do rinn e an cùrsa craolaidh. Rinn e a-mach nach b' e sin an seòrsa cosnaidh a bha e airson a leantainn agus chaidh e a dh'obair do Roinn Dìon an Iasgaich, ann an Loch an Inbhir, airson dà bhliadhna.
An dèidh sin bha e greis ag obair aig a' chompanaidh Gael Force, a' siubhal air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' reic uidheam iasgaich, agus greis aig Iomairt nan Eileanan Siar, a-rithist co-cheangailte ri obair an iasgaich.
Ann an 2000 chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain, ann an Glaschu, airson cùrsa trèanaidh teagaisg a dhèanamh agus nuair a bha e deiseil fhuair e obair ann an Àrd-sgoil Mhalaig. Bha e an sin gu 2003 nuair a fhuair e obair ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain, far a bheil e fhathast a' teagasg Gàidhlig agus Cruinn-eòlas.
'S e Andy Stoddart, às an Eilean Sgitheanach, a bha air a bhith anns an arm còmhla ri sheanair, a bhrosnaich Tormod gu pìobaireachd an toiseach. Fhuair e na h-uimhir de thaic bho Raghnall MacIllEathain à Uibhist, ach 's e Alasdair MacCathbharra, aig a bheil buntanas ri Ìle agus a bha ag obair do Chomhairle na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis, bu mhotha a thug e gu ìre. Bha e na bhall de Chòmhlan Phìobairean Sgoiltean Inbhir Nis agus a' frithealadh nam farpaisean còmhla riutha.
Leig e bhuaithe a' phìob airson greis an dèidh an sgoil fhàgail ach thàinig e air ais gu ceòl anns an oilthigh nuair a stèidhich e fhèin agus a nàbaidhean a' Wild West Cèilidh Band, ann an 1991. Bha iad a' cluiche còmhla aig cèilidean gach deireadh seachdain fad nam bliadhnaichean a bha Tormod anns an oilthigh.
Sgaoil an còmhlan nuair a dh'fhàg iad Obar Dheathain, ach ann an 2000 thàinig iad còmhla a-rithist fon t-ainm Meantime. As a' chòmhlan tha Tormod fhèin, Daibhidh MacIllFhinnein à Griais, Dàibhidh Boag às Inbhir Pheofharain agus Calum Rothach à Gleann Urchardain. Tha iad air a bhith a' cluiche ann an iomadh ceàrnaidh bho na h-Eileanan Mòra, gu caisteal eireachdail Eadailteach agus Eilean àlainn Uløy, anns an Artaig. Am bliadhna bha an còmhlan thall an Ceap Breatainn a' cluich aig Fèis nan Dathan Ceilteach.
A bharrachd air a bhith a' seinn agus a' cluiche na pìoba bidh Tormod a' sgrìobhadh cuid de na h-òrain a bhios an còmhlan a' gabhail. Mar phàirt den fhèis Blas 2010 sgrìobh e dealbh-chluich Hè na Brògan, Hò na Brògan stèidhte air measgachadh de dh'òrain èibhinn. Thàinig ainm na dealbh-chluich à òran aighearrach a tha ri lorg air an làraich-sa.
'S ann nuair a bha iad a' deasachadh a' chiad CD, The Natives are Friendly a thòisich Tormod air seinn oir bha na balaich eile a' seinn cuideachd. Bha an gnothach a' còrdadh ris gu mòr agus chionns gun robh na balaich a' seinn aig a' mhòd lean esan iad.
'S ann aig Mòd an Òbain, ann an 2003, a sheinn e ann an co-fharpais an t-seann nòis an toiseach agus choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2006, aig Mòd Dhùn Omhain.
Phòs Tormod agus Jana Anžič, à Slobhenia, ann an 2009 an deidh dhaibh coinneachadh ann an Ulapul agus Jana air làithean saora a' siubhal timcheall Alba. Tha duil aca ri leanaibh anns a' bhliadhn' ùir, 2011.
Tha Tormod cuideachd na bhall de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.