Teàrlach MacFhionghain

Teàrlach MacFhionghain

Rugadh Teàrlach MacFhionghain ann am Brù, Leòdhas, ann a 1930. Bhuineadh a mhàthair, Màiri Chaimbeul, do Chros, Nis agus b' ann à Brù a bha athar, Coinneach. A-rèir eachdraidh an teaghlaich b' ann às an Scarp a thàinig a chuideachd.

Chaidh Teàrlach do Sgoil Bharabhais agus nuair a bha e na dheugaire chuir e seachad beagan ùine ann an Glaschu, far am biodh e a' seinn aig na cèilidhean ann an Talla Bhaile Ghobhainn, an Overnewton agus an Aitreabh nan Gàidheal.

Chaidh a thogail dhan arm ann an 1949 agus bha e ùine anns an Ear-Mheadhanach, ann an Tripoli. Bha e anns an T.A. airson aona bliadhna deug an dèidh sin, còmhla ri na Lovat Scouts, 's ràinig e ìre Troop Sergeant Major mun àm a leig e seachad e.

Bhiodh Teàrlach ri fighe chlòithtean agus bha e ag obair aig a' Cho-op, an toiseach ann a' Steòrnabhagh agus an uair sin ann an Nis. Phòs e Magaidh Anna Mhoireasdan, à Tàbost, Nis, ann an 1960 agus bha còignear chloinne aca.

Ann an 1973 dh'fhàg iad Nis agus chaidh Teàrlach a dh'obair aig an ola ann a' Neig agus tha e air a bhith a' fuireach air Taobh Sear Rois riamh bhon uair sin.

Tha cuimhne aige fhathast air a' chiad uair riamh a sheinn e mu choinneamh sluaigh. B' ann an Talla a' Bhaile ann an Steòrnabhagh a bh' ann agus bha leithid de dh'eagal air agus gun do dhìochuimhnich e facail an òrain agus thug e a chasan leis far an àrd-ùrlar. Bhrosnaich an luchd-èisteachd e gu tilleadh is feuchainn a-rithist. Rinn e sin agus chaidh leis gu math.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.