
Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas.
Nuair a bha i air Clas 6 ann an Sgoil Lionacleit rinn i CD leis an t-ainm Làithean Sgoile, le òrain a dh'ionnsaich i fhad 's a bha i san sgoil. Mar a thuirt i fhèin, "Bha seinn riamh san dachaigh againn. B' àbhaist mo pheathraichean Sarah May agus Sandra a bhith seinn aig na Mòdan, is bhithinn ag èisteachd riutha nuair a bha iad ag ullachadh."
Ann an 2004 chaidh i gu Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba, an RSAMD, far an d' rinn i an cùrsa B.A. Ceòl Alba le Òrain Ghàidhlig mar a prìomh chuspair.
A bharrachd air a bhith a' seinn thall sa bhos eadar Uibhist agus Ceap Breatainn, bidh Sìneag a' teagasg aig fèisean agus a' teagasg òrain Ghàidhlig san Sgoil Ghàidhlig an Glaschu.
Aig Mòd 2006 an Dùn Omhain, choisinn i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs, agus, aig Mòd an Òbain 2009, choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.