Sìne NicFhionnlaigh

Tha e coltach gun deach an t-òran Fear a' Bhàta a dhèanamh mu dheireadh na h-ochdamh linn deug le Sìne NicFhionnlaigh à Tong ann a' Leòdhas. Bha i a' falbh le iasgair a sgìr' Ùige, Dòmhnall MacRath. Tha e follaiseach gu robh dùil aice ri leanabh leis nuair a rinn i an t-òran:

Tha mo chriosan air dhol an-aìrde
Chan ann bho fhìdhleir no bho chlàrsair,
Ach bho stiùireadair a' bhàta
'S mur tig thu dhachaigh, gur truagh mar tha mi.

Bidh mi tuille gu tùrsach, deurach,
Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh;
Guileag bàis aice air lochan feurach
Is càch uile an dèidh a trèigsinn.

A dh'aindeoin an àmhghair a tha i a' nochdadh san òran, tha e coltach gun do phòs iad goirid an dèidh dhith an t-òran a dèanamh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.