Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich)

Rugadh Sìleas NicDhòmhnaill mun bhliadhna 1660 agus chaochail i mu 1729. B' i nighean ceannard Dòmhnallaich na Ceapaich ann an Loch Abar, Gilleasbaig na Ceapaich, a chaochail sa bhliadhna 1682.

Phòs i Alexander Gòrdan, fear Camdell, àite a tha faisg air Tom an t-Sabhail. Bhiodh e a' tighinn tric do Loch Abar agus e na shiamarlan aig Diùc Gòrdan aig an robh a' Cheapach mun àm sin. Chaidh Sìleas a dh'fhuireach dhan ear-thuath an uair sin agus, anns a' bhliadhna 1700, chaidh iad a dh'fhuireach do Chaisteal Bhail Dòrnaidh an Siorramachd Bhanbh. Bha co-dhiù còignear mhac aice agus triùir nighean.

Tha Sìleas na Ceapaich aithnichte mar prìomh bhàird ar-a-mach 1715, a' chiad oidhirp a rinn na Seumasaich air crùn Bhreatainn fhaighinn do Sheumas Stiùbhart.

Tha i cuideachd aithnichte airson na dàin spioradail a rinn i, nam measg Laoidh air Bàs a Fir agus a h-Ighne a rinn i an dèidh dhi a cèile, Alexander, agus a nighean, Anna, a chall sa bhliadhna 1720.

Ann am prògram san t-sreath Molam E, a chaidh a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal sa Ghearran 2003, thuirt an sgoilear Colm O Baoill mun dealbh dhith a th' againn bho bheul-aithris:

"Gu robh i na h-òige car beadarra, frolicsome mar a sgrìobhar sa Bheurla: agus chan eil fios nach eil fìrinn ann; tha daoine ann a chreideas gur e mac dìolain a bha sa mhac a bu shine aice. Chan innis am beul-aithris dhuinn dè am buaidh a bha aig pòsadh Shìleas (ann an 1685) air a' bheadradh seo, ach theirear gu robh 'coinneachadh' aice ris a' bhàs.

An dèidh sin dh'atharraich i beusan, dh'fhàs i cràbhach agus shìn i air laoidhean a dhèanamh. Chan eil fios idir dè an fhìrinn a tha san sgeulachd seo, no a bheil fìrinn idir ann."

De laoidhean Shìleas 's e Laoidh Mhoire Mhaighdeann a b' fhaide a mhair am measg dhaoine agus tha i air a seinn fhathast. Tha an laoidh a' toirt geàrr-chunntas air beatha Chrìosd as an Tiomnadh Nuadh, agus mìneachadh air faireachdainnean na màthar mu na thachair do a Mac.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha Bàrdachd Shìleas na Ceapaich, deasaichte le Colm O Baoill, air fhoillseachaidh le The Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1972.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.