Shona NicChoinnich

Rugadh Shona NicChoinnich ann a' Bhaltos ann an sgìr' Ùige Leòdhais air 16 Dùbhlachd, 1989. 'S i an tè as sine den triùir nighean a tha aig Cairistìona agus Sandaidh MacCoinnich.

Chaidh i do Bhun-sgoil Thiomasgearraidh agus do Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh mus deach i do dh'Oilthigh Shrath Chluaidh, far an tug i dà bhliadhna a' dèanamh cùrsa ailtearachd.

Bho chionn bliadhna tha i air a bhith an lùib Young Musicians Hebrides, buidheann saor-thoileach, a chaidh a stèidheachadh ann an 1995, airson cothrom a thoirt do dh'òigridh ceòl ionnsachadh agus cuideachd a bhith a' cluiche ciùil còmhla.

Tha ùidh mhòr aig Shona ann an òrain thraidiseanta agus tha i a' dèanamh oidhirp nas urrainn dhi ionnsachadh le bhith a' tadhal air na feadhainn anns an sgìre aig a bheil eòlas air seann òrain. Tha i cuideachd a' dèanamh seo às leth Comunn Eachdraidh Ùig airson a' phròiseict Bàrdachd Ùig, a tha a' clàradh òrain agus bàrdachd na sgìre agus a' rannsachadh nan sgeulachdan a tha co-cheangailte riutha.

B' e piuthar seanmhar seanar Shona a bh' ann am Màiri Dhall.

Bha dùil aig Shona a dhol gu Sabhal Mòr Ostaig as t-Fhoghar, 2010, airson cùrsa a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Na Meadhanan.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.