Seumas Mac a' Ghobhainn

Rugadh Seumas Mac a' Ghobhainn ann an Newton ann a' Steòrnabhagh air 25 Lùnasdal, 1929. 'S e clachair a bha na athair, Ruairidh, a bhuineadh do Mhealabost, faisg air Steòrnabhagh. B' ann do Bhrèinis, ann an Ùig, a bhuineadh a mhàthair, Màiri NicLeòid. Bha ceathrar anns an teaghlach, dithis pheathraichean agus dithis bhràithrean.

Chaidh Seumas do Sgoil MhicNeacail agus an dèidh an sgoil fhàgail chaidh e a dh'obair do Roinn nan Rathaidean 's nan Drochaidean aig Comhairle Rois is Chromba. Nuair a thàinig Comhairle nan Eilean Siar gu bith, dh'atharraich an t-ainm gu Roinn nan Seirbheisean Innleadaireachd agus bha Seumas ag obair aca gus an do leig e dheth a dhreuchd.

Cho math ri bhith seinn, tha Seumas sgileil air a' phiàna. Chluicheadh a bhràthair Ruairidh an fhidheall agus mandolin agus bha ceòl an còmhnaidh anns an dachaigh.

Bha ùidh mhòr aig Seumas ann an ceòl, a bhith ag ionnsachadh òrain is fuinn ùra. Ged a bha e a' faighinn tlachd mhòr à bhith clàradh òrain do leithid a' BhBC, cha robh miann aige idir a bhith a' nochdadh mu choinneamh luchd-èisteachd.

Bhiodh Donnchadh "Major" Moireasdan, aithne e, glè thric a' toirt taic air a' phiàna do Sheumais aig cuirmean-ciùil ann an àiteachan mar Caisteal Dhùn Bheagain agus Dhùn Robain agus Mount Stewart House, ann an Èirinn a Tuath. Bha iad corra uair ann a' Lunnainn, uaireannan air aoidheachd aig Còisir Ghàidhlig Lunnainn. Bhiodh Seumas a' seinn measgachadh de dh'òrain Ghàidhlig, Bheurla, Èireannach agus chlasaigeach aig cuirmean dhen t-seòrsa sin.

Choisinn Seumas Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Èideann, ann an 1951.

Bho leig e dheth a dhreuchd tha Seumas air a bhith siubhal gu York trì neo ceithir uairean gach bliadhna. Tha tlachd mhòr aige ann an Àrd-eaglais a' bhaile agus an ceòl eireachdail a tha ri chluinntinn ann. Tha e a' toirt toileachas mòr dha cuideachd a bhith a' siubhal anns na Dales.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.