Seumas Dòmhnallach

B' e Seumas Dòmhnallach (1885-1970) ogha dhan bhàrd Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain), a rinn òrain leithid Dòmhnall an Dannsair agus Ma Phòsas Mi Idir, Cha Ghabh Mi Tè Mhòr.

Ghluais an teaghlach às an Òban gu Port Ramasa ann an Lios Mòr nuair a bha e 7 bliadhna a dh'aois.

Dh'fhàg e Sgoil Bhaile Ghairbh nuair a bha e 14 agus chaidh e a dh'obair greis air an aiseag eadar Lios Mòr agus Port na Croise. Thug e greis eile air gheat ach an dèidh beagan airgead a shàbhaladh, chaidh e do Cholaiste na Maraireachd an Glaschu, far an do choisinn e teisteanas Sgiobair.

Bha e a' seòladh air soithichean leis a' chompanaidh Nobel gus an d' thug briseadh-slàinte air a dhreuchd a leigeil dheth tràth.

Bha e pòsta dà thuras agus bha dithis chloinne aige, Maighread agus Lachlainn.

A rèir an leabhair a sgrìobh Maighread mun teaghlach, b' e duine dàimheil, còir a bh' ann an Seumas. Bha e air a dhòigh ann an cuideachd, gu h-àraidh ma bha òrain is ceòl a' dol. Chluicheadh e a' phìob agus am piàna agus chuireadh e fuinn ùr ris na h-òrain aige fhèin. Mar a chuir Maighread e:

"Nuair a chaidh an taigh a mheudachadh ann an 1938, thàinig am piàna. Bha Seumas anabarrach math air ceòl-dannsa a chluich. Bha e mar bu trice a' dèanamh facail agus fuinn nan òran aig an aon àm. Aig amannan eile, coltach ris a' chuid as motha de na bàird, chuireadh e fonn air na facail. Ach, rud a bha eadar-dhealaichte, bha e cudthromach dha fonn ùr a dhèanamh don bhàrdachd aige. Mur a dèanadh e sin, bhiodh e a' toirt leisgeul airson fonn duin' eile."

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.