Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul, mac Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, ùghdar Òran na Briogais, air Taobh a Deas Loch Baghasdal air 5 Cèitean, 1908. Tha an teaghlach dom buineadh e ainmeil a thaobh bàrdachd agus òrain.

B' e Caimbeulach a bh' ann an Seumas bhon dà thaobh. Bha athair na chlachair mu thimcheall na sgìre agus bha e air fear de na clachairean a thog Eaglais Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh. Bha a mhàthair, Màiri nighean Iain Ruaidh, na pupil-teacher ann a' Loch a' Chàrnain aig aon àm. Bha i cuideachd math air seinn agus chlàr Mairead Fay Seathach mòran òrain bhuaipe.

Tràth anns an fhicheadamh linn ghluais an teaghlach à Loch a' Chàrnain gu Taobh a Deas Loch Baghasdal. Phòs Seumas agus Ciorstag Aonghais Bhàin, piuthar a' bhàird Dòmhnall Aonghais Bhàin à Taobh a Deas Loch Baghasdal, agus bha còignear de theaghlach aca, triùir ghillean agus dithis nighean. B' e croitear a bh' ann an Seumas agus bhiodh e cuideachd ri obair na feamad.

Bha a' bhàrdachd a' ruith as na daoine, mar a dh'innis Iain MacAonghais (Iain Pheadair), air BBC Radio nan Gàidheal air 31 Dùbhlachd, 1997:

"Bha Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin ann, 's e bu shine de Chloinn Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, agus bha mic aige a bha math air na h-òrain. Iain, a' fear as sine, agus bha Aonghas Iain math orra, agus gu h-àraidh link Ruaraidh, a' fear ris an cante "An Case", bha esan math orra. Agus Seumas, bha e fhèin a cheart cho math."

A bharrachd air a bhith na dheagh sheinneadair, bhiodh Seumas ri bàrdachd agus am measg nan òrain a rinn e tha 'Chunna mi 'n t-Each Bàn na Aonar' agus 'Òlaidh mi Buileach, Tha Tuilleadh 's an Stòpa'.

Ged 's dòcha nach eil a' bhàrdachd buileach cho làidir am measg nan Caimbeulach an-duigh, tha iad fhathast a' seinn. Bidh mic Sheumais, Dòmhnall Ruairidh agus Dòmhnall Antony a' seinn an-dràsta 's a-rithist aig cèilidhean ann an Uibhist agus tha Iain ri beagan bàrdachd cuideachd.

Chaochail Seumas air 23 Samhain, 1980, aig aois 72.

Tha sinn an comain Dhòmhnaill Ruaraidh Chaimbeul, mac Sheumais Chaimbeil, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.