Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn)

Canar Seumas Ailig Eòghainn ri Seumas Caimbeul às an Ìochdair an Uibhist a Deas. Rugadh e san t-Samhain 1973 agus thogadh e le sheanair, Ailig Eòghainn, agus a sheanmhar, Eilidh.

An dèidh Sgoil an Ìochdair fhàgail thug e greis ag obair aig Co-Chomann an Ìochdair, greis eile as a' Ch-op an Creag Goraidh agus an uair sin, ann an 1995, thòisich e a' postaireachd, obair a tha e a' dèanamh chun an latha an-diugh. Tha e a' frithealadh Creag Goraidh, sgìre fharsaing an Ìochdair, agus deas gu Gèirinis.

Nuair a tha an obair latha seachad bidh e a' cuideachadh bràthair a mhàthar, Eòghainn Ailig Eòghainn air a' chroit.

Thòisich e a' seinn nuair a bha e air Clas 2 san sgoil. Tha cuimhne aige a bhith a' seinn aig Mòd Uibhist 's gun e ach air Clas 3. Gu mì-fhortanach thugadh dha an t-òran ceàrr agus b' e an aon ghille a bha ann am farpais nighean, a' seinn Bà Bà mo Leanabh Beag. Chan iongnadh nach do bhuinnig e!

Mus do dh'fhàg e a' bhun-sgoil bha aon thidsear gu h-àraidh ga bhrosnachadh agus ga mhisneachadh gu seinn agus gu òrain ùra ionnsachadh. B' ise Murdina Stiùbhart à Barraigh. Tha cuimhne aig Seumas air an obair mhòr a bha i a' dèanamh leis na sgoilearan, ag ionnsachadh òrain dhaibh agus a' dèanamh dealbhan-chluich leotha agus gan cuir air adhart gu Mòd Uibhist.

Fhuair Seumas cuideachd taic mhòr bho thè a mhuinntir an Ìochdair, Ena NicDhòmhnaill, Enag Dhodaidh. Bhiodh i ga bhrosnachadh agus ag ionnsachadh òrain ùr dha, ag innse sgeulachdan agus iomadh seòrsa beul-aithris dha. Bhiodh i fhèin cuideachd an sàs anns a' Mhòd.

Chaidh Seumas gu Mòd Nàiseanta airson a' chiad uair ann an 1985. Tha cuimhne aige air a' bhoil a bh' air a' dol a Loch Abar agus mar a sheinn e an t-òran ainmichte O Nach Àghmhor as an aon fharpais as na dh'fheuch e.

Choisinn Seumas am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd an Òbain ann an 1992 agus Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 1996. Chuidich Catrìona Garbutt e a' deasachadh airson an dà fharpais.

Chan eil Seumas a' dèanamh mòran seinn air àrd-ùrlair an-diugh oir tha e a' fulang le nearbh nuair a tha aige ri seinn air beulaibh dhaoine.

Airson cur-seachad bidh e ag èisteachd ri BBC Radio nan Gàidheal nuair a tha e a' dràibheadh bhan a' phuist agus am measg sheinneadairean is fhìor thoil leis tha Màiri Nic Ille Mhaoil, Alasdair 'Mòr' Dòmhnallach, Catrìona Garbutt agus na seann chlàraidhean aig Ceit Phàdraig.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.