B' ann do Bhaile Chaolais a bhuineadh athair Sheumais 'ic a' Phì, agus bha e ainmeil airson fhileantas sa Ghàidhlig. Bha màthair Sheumais à Èisteal agus tha e coltach gum biodh i daonnan a' seinn a-staigh an taigh agus cuideachd nuair a bhiodh i fhèin agus Seumas, na ghille beag, a' dol don choille-chonnaidh airson eallach fiodha.
B' ann am Baile Chaolais a bha dachaigh an teaghlaich agus, aig an àm, nuair a thigeadh àm feasgar agus obair an latha dèante, chluinnte fir a' bhaile a' seinn sa h-uile taigh. Chan eil teagamh nach cuala Seumas am pailteas òrain na òige am Baile Chaolais.
Air an t-Sàbaid bha fear Billy 'an Lach air ceann na seinn san eaglais. Bha guth sònraichte aige agus nuair a bha Seumas òg bha e a' miannachadh a bhith na sheinneadair coltach ri Billy.
Sa bhliadhna 1916 thainig an teaghlach do Ghlaschu. Dh'innis Eòghainn Mac a' Phì, bràthair Sheumais, a bha fad 30 bliadhna na cheannard air Roinn na Gaidhlig aig a' BhBC, cho doirbh agus a bha an gluasad:
"Cha robh sinne mar theaghlach ach air ar n-aineol a thighinn a Ghlaschu. B' e baile a bh' ann a bha coimheach dhuinn, agus faodaidh mi a ràdh nach robh e furasta dhuinn tighinn beò. Ach shoirbhich leinn.
"Bha bràthair a bu shine agam ach chaochail esan leis a' flu an dèidh a' Chiad Chogadh agus, mar sin, thuit uallach an teaghlaich ormsa. Bha Seumas is Iain, an dà bhràthair a b' òige, a' dol don sgoil an Glaschu agus their mi seo - nach robh a dhìth air an t-àrd mhaighstir-sgoil gabhail riutha, a chionn bha na h-uibhir aige 's a bha ceadaichte dha. Ach bha mo mhàthair leotha agus mu dheireadh dh'aontaich e.
"Agus nuair a bha Seumas a' fàgail na sgoile thàinig e a dh'ionnsaigh an taighe agus thuirt e rim mhàthair nach fhaodadh i leigeil leotha gun dol air adhart."
Bha an teaghlach a' fuireach an Overnewton an Glaschu, mar a bha mòran Ghàidheil eile, agus b' e taigh Chloinn a' Phì an taigh-cèilidh.
"Bha an taigh againn mu dheireadh ainmichte am measg Gàidheil Ghlaschu agus cha robh oidhche nach robh, tha mi cinnteach, dà dheug co-dhiù a' tighinn a dh'èisteachd, agus cha robh dad a' dol ach Gàidhlig is sgeulachdan Gàidhlig.
"Tha mi creidsinn nach robh taigh eile coltach ris, mar an t-seann taigh-chèilidh. Agus bha mo mhàthair, bha i math air seinn, agus bhiodh i seinn, is bha Seumas ann, agus dh'iarradh aon den chuideachd a' faigheadh iad òran bho Sheumas agus cha robh Seumas ach na bhalachan 's sheinneadh e mar a dh'iarradh air."
Cha b' fhada bha Seumas an Glaschu gus an robh fèill air mar sheinneadair am measg nan Gàidheal sa bhaile. Bha, mar eisimpleir, a' Highland Club, comann de dhaoine aig an robh inbhe is urram sa bhaile, tric ga iarraidh airson seinn dhaibh aig na cuirmean mòra a bhiodh aca.
Nuair a dh'fhàg Seumas sgoil Kent Road chaidh e a dh'ionnsachadh a bhith na dhealbhadair, no draughtsman, aig a' chompanaidh Harland and Wolff. Nuair a chuir e crìoch air an ionnsachadh sin, chaidh e a dh'obair dhan chompanaidh aig Uilleam Beardmore, a bha a' togail shoithichean air Abhainn Chluaidh.
Ann an 1935, fhuair e cuireadh a dhol a Lunnainn gu companaidh British Salmson Aero Engines, mar chomhairliche teicniceach, agus mus do chrìochnaich an cogadh bha e na stiùiriche air a' chompanaidh.
Mus do dh'fhàg Seumas Glaschu bha e air a dhol dhan Athenaeum airson ionnsachadh mar a bheireadh e a ghuth, a bha sònraichte gu nàdarra, air adhart. Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich agus Bonn Òr an Òbain agus Latharna aig Mòd Pheairt ann an 1929.
Bhiodh Seumas cuideachd a' seinn anns a' chòisir ainmeil a bha aig Eaglais Chaluim Chille an Glaschu. B' ann mar sin a thachair e air ball eile den chòisir, Morag NicFhionghain à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach, agus phòs iad ann an 1930.
Rinn iad an dachaigh ann an Lunnainn far an robh Seumas aig cridhe chùisean Gàidhlig sa bhaile. Bha e, mar eisimpleir, na Cheann-suidhe air Comunn Gàidhlig Lunnainn agus na Cheann-suidhe air Mòd Lunnainn airson iomadh bliadhna. Chuir e cuideachd air chois dìnneir bhliadhnail aig am biodh urram ga chur air an t-Albannach bu mhotha chuir cliù air a dhùthaich gach bliadhna.
A' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal, dh'innis Walter Ros às an t-Eilean Sgitheanach, a bha ann an Lunnainn fad iomadh bliadhna, mun t-eòlas a fhuair e fhèin air Seumas:
"Bha Seumas agus mi-fhìn nar n-oifigich aig Comunn na Gàidhlig ann an Lunnainn airson iomadach bliadhna. Agus 's iomadh feasgar aoidheil, thaitneach, a chuir sinn seachad le ar luchd-dàimh à Alba agus dùthchannan cèine aig mòdan, cèilidhean agus cuirmean-ciùil ann an iomadh àite.
"Bha Seumas na Cheann-suidhe den Chomunn fad bhliadhnaichean, deas-bhriathrach, fileanta anns an dà chànan, le sgeulachdan gun àireamh, agus air an libhrigeadh gu h-aighearach, sunndach.
"Bha e na phrìomh sgrìobhaiche an Lunnainn dhan phàipear-naidheachd An t-Albannach Seachdaineail fad mhòran bhliadhnaichean. B' e seinneadair ainmeil, eireachdail a bh' ann, a chumadh cèilidh a' dol leis fhèin fad an fheasgair."
Bha meas air Seumas cuideachd am measg nam Bretonach san Fhraing agus chuireadh urram air leis an oilthigh ann an Rennes mar chomharra air sin. Bhiodh e tric a' seinn air rèidio air feadh na Roinn Eòrpa.
Bha meas mòr air ann an Taigh nam Morairean agus an Taigh nan Cumantan far an robh e eòlach air mòran de na buill-phàrlamaid.
Bha e aithnichte cuideachd am measg luchd-ciùil agus luchd-opara a' bhaile. Ann an 1951 nuair a chaidh ballet ùr, Donald of the Burthens, a chur fa chomhair sluaigh an toiseach, b' e Seumas a sheinn am port-à-beul 'Tha Fionnlagh ag Innearadh' airson nan dannsairean anns an Royal Opera House an Covent Garden.
Cha d' fhuair Seumas C. Mac a' Phì latha fada. Bhuail euslainte e agus, a dh'aindeoin obair-lannsa a thug bhuaidhe a ghuth gu tur, cha ghabhadh a bheatha a shìneadh. Chaochail e air 8 Sultain, 1963, 's gun e ach 58.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.