Seòras MacLeòid

Seòras MacLeòid

Rugadh Seòras MacLeòid ann an Siabost ann an 1914 ach ghluais an teaghlach nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois gu Dail Mòr an Càrlabhagh.

Chaidh na daoine fhuadach à Dail Mòr anns na 1860an agus chaidh taca chaorach a dhèanamh dheth. B' e teaghlach Sheòrais a' chiad teaghlach a chaidh a dh'fhuireach dhan a' bhaile ann an 1921.

A' sgrìobhadh ann an iris Comunn Eachdraidh Chàrlabhaigh Sop as gach Sèid sa Lùnastal 2004, thug Seòras iomradh air a' ghluasad:

"Mar a bha sa là ud, 's e 'n ceann a bh' air an dachaigh a bha thu a' fàgail a dh'fheumadh a dhol air an dachaigh dha robh thu dol - cha robh an còrr air do shon. Feumaidh e bhith gu robh na bh' ac' ann gu math dripeil, oir bha 'n ceann a bh' air an taigh anns na chaidil sinn an oidhche roimhe sin ann a' Siabost, an ìre mhath air taigh Dhaile Mòr an ath-oidhch', ach a-mhàin an tughadh.

A thilleadh air a' sin, bha an coirc' a bh' anns na cruachan fo chrios ann an Siabost as a' mhadainn, anns na cruachan an Dail Mòr fon t-sìoman an oidhche sin fhèin, agus an ath-oidhch' a-rithist an dèidh sin bha 'n taigh deiseil airson a dhol a chòmhnaidh ann.

Chaidil mo mhàthair ann le duine dhan chloinn, a bha bliadhna a dh'aois an uair sin, gun duine ach an dithis aca ann, a' chiad fheadhainn a chaidil an Dail Mòr bho chionn timcheall air trì fichead bliadhna ron a' sin co-dhiù. Mar a bha i fhèin ag ràdh, "An doras dùint' bhon taobh a-muigh, gus an tigeadh d' athair à Siabost airson fhosgladh, ach a-mhàin gun dh'fhàg e sgian agam a ghearradh ceann an ròp nan tigeadh tein' oirnn.

Cha b' e àite goireasach neo àite furast' a bhith beò ann a bh' ann an Dail Mòr an uair ud idir. Bha e fada bhon a h-uile àit'. Bha e dà mhìle gu leth timcheall an rathaid chun na h-eaglais agus chun sgoil, agus suas ri trì mìle bho na bùthan agus am Post Oifis. 'S e beagan a bha cuairteachadh an rathaid an uair ud, ach a-mhàin chun na h-eaglais fhèin. Bha e mu chuairt air mìle na bu ghiorra dol tarsainn na mòintich.

Co-dhiù, 's e rathad bochd a bha dol a-mach tron bhaile gu ruigeadh tu an rathad mòr. Ach an ceann ceithir neo còig a bhliadhnaichean fhuair iad suim airgid bho Bhòrd an Àiteachais airson an rathad a leasachadh. Cha b' e 'n County no Tawse a bha dèanamh rathad an uair sin ach muinntir a' bhaile fhèin, agus cha robh tractar neo digear aca airson sin a bharrachd. Chan aithne dhomhsa gu robh fiù 's barra-cuibhle aca. Co-dhiù, chaidh an rathad a dhèanamh air dhòigh 's gu faigheadh goireasan mar làraidhean is bhanaichean a-steach."

Ann an 1945 phòs Seòras Màiri NicLeòid, Màiri Long à Boroghastan an Càrlabhagh. Rinn iad an dachaigh ann an Dail Mòr agus bha triùir chloinne aca, Anna, Dòmhnall agus Mòrag a chaochail 's gun i ach ceithir mìosan deug.

B' e fear-ciùird, seanchaidh, croitear adhartach agus bàrd a bh' ann a' Seòras. Bha e tric ag obair le fiodh cruaidh leithid darach agus mahoganaidh agus chan eil duine a chunnaic cuibhle-shnìomh, no lampa, no bobhla a rinn Seòras nach aontaicheadh gur e sàr obair-làimhe a bh' annta.

Cha b' e aon turas a bha e air aoidheachd aig Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Fèill Rìoghail na Gaidhealtachd aig Ingliston, a' foillseachadh a sgilean. Tha e air aithris gu robh e, air aon de na tursan sin, a' fuireach ann an taigh-òsta ainmeil agus leòmach ann an Dùn Èideann. Nuair a thàinig an t-ugh bruich a dh'iarr e air a bhracaist air truinnsear aon mhadainn, rinn e sia copanan-uighe an latha sin a thug e mar thiodhlac don taigh-òsta an ath mhadainn.

Bha saibhreas de dh'fhiosrachadh aige mu sheann chleachdaidhean, mu sheanfhacail, agus mu bhriathrachas Gàidhlig co-cheangailte ri iomadh cuspair. Bhiodh e tric air a' phrògram Facal Oirbh air BBC Radio nan Gàidheal anns na 90an.

Bha ùidh air leth aige ann an croitearachd agus rinn e a dhìcheall gus adhartas a thoirt air ann an iomadh dòigh. Mar eisimpleir, bha e as a' bhuidheann a thòisich Comann Àiteachais Chàrlabhaigh. Chaidh an obair a rinn e dhaibh thairis air an leth-cheud bliadhna a thug e air a' chomataidh aithneachadh nuair a chaidh ainmeachadh mar Cheann-suidhe Urramach a' Chomainn. Ghlèidh e fhèin, uairean gun àireamh, na prìomh dhuaisean airson glasraich, obair-làimhe agus caoraich aig an fhèill àiteachais bhliadhnail.

Bha sùil gheur aige airson deagh stoc agus, le charaid Ailig MacÌomhair, thug e leasachadh mòr air ìre an stoc chaorach a bh' anns an eilean. Ghabh e pàirt anns an sgeama anns na 60an far an robh croitearan a' fàs fhlùraichean.

Bha e cuideachd na Mheasadair Croitearachd airson iomadh bliadhna.

Bha Seòras sònraichte math air sgeulachd innse. Bha e measail air bàrdachd Ghàidhlig agus air bàrdachd Burns, agus bha e fhèin na bhàrd, le 's dòcha aon sùil tric thairis air a' ghualainn a' cuimhneachadh air mar a bha:

Ag amharc air mo chùlaibh fad na h-ùin' bho bha mi òg
A' beachdachadh cho caochlaideach 's a bha cùisean rè mo bheò;
Cho saothrach 's a bha ar sinnsirean 's cho dìblidh a' los lòin
'S an-diugh gun phloc ga àiteach dheth no bàthach anns eil bò.

Bailtean bha cho daoineach 's a bha cho cùiseach an ceann an gnìomh
Chuid bha teachd gu aois dhiubh tha gach aon dhiubh nis air triall;
'S an òigridh ged nach lùthaigeadh iad an cùl chur ris cho luath
Rinn stiùireadh 's foghlam cùrsa dhaibh do dhùthaich thaobh an dreuchd.

Gu tric a bhios mi smaoineachadh air giorrad ùin' gach linn
Nuair thig an aois 's a dh'eugas iad 's a thig an treubh gu ceann;
Na croitean sin chaidh fhàsachadh iad 'n-diugh an làmhan Ghall
'S cha chluinnear cainnt ar màthair mar a b' àbhaist aig a' chlann.

Chaochail Seòras 's gun e ach mìosan goirid air 90 ann an 2004.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.