Rugadh Seonaidh Moireasdan, Seonaidh Fhionnlaigh 'an 'ic Alasdair, air 13 Dùbhlachd, 1914, sa Rubha Ghlas, ann an Scalpaigh na Hearadh. Bha ochdnar san teaghlach, còignear nighean a bha na bu shine na Seonaidh, agus bha a dhithis bhràithrean na b' òige. Bha athair ag iasgach agus a' coimhead às dèidh croit bheag agus bhiodh a mhàthar a' fighe nuair a gheibheadh i an cothrom.
Dh'fhàg Seonaidh an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug agus chaidh e chun an iasgaich. Chuir e roimhe Scalpaigh fhàgail agus chaidh e a Pheairt ach b' ann ri iasgach a bha e an sin cuideachd, iasgach nam breac air Abhainn Tatha.
Chaidh e às an sin a Ghlaschu gu Colaiste Skerry, far na dh'ionnsaich e taidhpeadh agus geàrr-sgrìobhadh. Thog e air an uair sin gu seirbheis nan taighean-solais, an toiseach air Eilean May agus mu dheireadh a-muigh air na h-Eileanan Flannach. Cha robh an obair seo a' còrdadh ro mhath ris agus chaidh e air ais don Cholaiste, far an do rinn e cùrsa ann an Riaghladh Oifis agus Cunntasachd.
An dèidh sin thug e bliadhnaichean eadar an Royal Naval Armaments Depot ann an Inbhir Ghrainnse agus am Ministry of Supply ann an Glaschu. 'S ann nuair a bha e ag obair ann an Inbhir Ghrainnse a choinnich e ri bhean, Màiri, agus phòs iad ann a 1938. Bha dithis nighean aca - Marjorie, a chaochail ann an tubaist, agus chaochail an dàrna nighean, Marjorie cuideachd, gu h-aithghearr 's gun i ach beagan thairis air dà fhichead bliadhna a dh'aois. Bha dithis gillean aca cuideachd, Fionnlagh agus Daibhidh, a bha gu math comasach a' cluiche a bhogsa.
Fhuair Seonaidh obair ann an Uibhist far an robh mar leas-bhàillidh aig òighreachd Bheinn na Fadhla agus Uibhist a Deas. 'S ann fhad 's a bha iad ann an Uibhist, ann an 1947, a chaill iad a' chiad nighean 's gun i ach ceithir bliadhna gu leth a dh'aois. Rinn Seonaidh trì òrain mu deighinn. Rinn e a' chiad fhear 'Cumha' goirid an dèidh a call agus 'Smuaintean' greis an dèidh sin. 'S e 'An Dealbh' an treas fear agus choisinn seo dha Crùn a' Bhàird aig Mòd Obar Dheathain, ann a 1955.
Chaidh Seonaidh a dh'obair do Dhaibhidh Mac a' Bhruthainn ann an Loch na Madadh agus às a' sin chaidh e a dh'obair dhaibh ann an Glaschu agus bha e ann an sin gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1979.
Bha Seonaidh airson iomadach bliadhna a' leughadh nan dùrachdan air a' phrògram Le Dùrachd aig Roinn Gàidhlig a' BhBC.
De na h-òrain a sgrìobh Seonaidh 's iad 'Tiugainn do Scalpaigh' agus Eilean Scalpaigh na Hearadh an fheadhainn as motha air a bheil aithne, agus chaidh an ceòl a chur ris an dà òran sin le Eàirdsidh Grannd. Chaidh leabhar dhan bhàrdachd aige Tiugainn do Scalpaigh a chlo-bhualadh ann a 1999. Tha ceithir thar fhichead de na dàin aige anns an leabhar sin. Bha Seonaidh a' sgrìobhadh dàin is òrain ann am Beurla cuideachd agus tha fear de na h-òrain Bheurla sin 'The Green Hebrides' anns an leabhar seo cuideachd.
Chaochail Seonaidh ann an Inbhir Ghrainnse air an deicheamh latha den Mhàrt, 2000.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.